Coithional eile a' coimhead ri Eaglais na h-Alba fhàgail

Àrd Eaglais Steòrnabhaigh
Image caption Bheachdaich Àrd Eaglais Steòrnabhaigh air Eaglais na h-Alba fhàgail roimhe ann an 2011.

Tha an dàrna coithional ann an Leòdhas air leigeil fhaicinn gum beachdaich iad air Eaglais na h-Alba fhàgail, air sgàth cùis nam ministearan gèidh.

Cho-dhùin Àrd-Sheanadh na h-eaglaise an t-seachdain a chaidh ministearan gèidh a cheadachadh, ma tha na clèirean deònach gabhail riutha.

Cumaidh Àrd-Eaglais Steòrnabhaigh coinneamh an ath-mhìos far am beachdaich iad air a' cho-dhùnadh sin.

Thàinig fios Diciadain gun robh coithional Cheann an Loch cuideachd a' rannsachadh a' ghnothaich.

Thuirt ministear a' choithionail sin, an t-Urr. Iain Murchadh Caimbeul, nach robh iad a' faicinn gun robh roghainn eile aca.

Thuirt e nach e co-dhùnadh an Àrd-Sheanaidh a-mhàin a rinn dragh dhaibh, ach gun deach a' chùis a thogail idir.

"Tha facal Dhè ga chur ann am briathran gu math goirid gu bheil seo ceàrr agus chan eil fhios agam-sa carson a dh'fheumas iad ceithir bliadhna neo còig bliadhna neo sia bliadhna airson an inntinn a dhèanamh an-àirde air rud a tha Dia a' cur ann an dhà neo trì fhacail," thuirt e.

Roghainnean

Image caption Chuir na nochd aig coinneimh an t-seachdain seo taic gu h-aona-ghuthach ri bhith a' coimhead ri Eaglais na h-Alba fhàgail.

Tha coithional Cheann an Loch a-nis gu bhith a' coimhead ri trì diofar roghainnean - gun deadh iad a-mach air an ceann fhèin, gun deadh iad dhan Eaglais Shaoir neo dhan APC.

Bidh iad a' coinneachadh, gu mì-fhoirmeil, ri daoine bho na h-eaglaisean sin taobh a-staigh beagan sheachdainnean.

"Cho fad 's gu bheil an eaglais a tha sin a' cumail ris an fhìrinn agus gu bheil i a' seasamh an-àirde le guth anns na h-Eileanan agus nar coimhearsnachdan ann an seo agus anns an Rìoghachd le guth facal Dhè, bhiodh sinne riaraichte gu leòr leis an sin."

Bheachdaich Àrd-Eaglais Steòrnabhaigh air Eaglais na h-Alba fhàgail roimhe ann an 2011, ach cha do chuir ach 74% den chiothional taic ris an sin - nas lugha na an 80% a bha a dhìth.

Eaglais na h-Alba

Thuirt Eaglais na h-Alba nach robh iad air fios fhaighinn bho choithional sam bith a tha am beachd an eaglais fhàgail air sgàth co-dhùnaidh an Àrd-Sheanaidh, agus gum biodh iad air an tàmailteachadh nan tachradh sin.

Thuirt iad gun robh co-dhùnadh na seachdain seo chaidh a' glèidheadh bun-reachd thraidiseanta na h-eaglaise, aig a' cheart àm 's gun deadh leigeil le clèirean ministearan gèidh a ghairm nan togradh iad.

Tha dùil gur ann an 2015 a thig co-dhùnadh deireannach air a' chùis.

Tuilleadh air an sgeulachd seo