Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00

30 An Cèitean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Sochairean

Thàinig dearbhadh bho Choimisean na h-Eòrpa bho chionn beagan mhìonaidean gu bheil iad a' toirt Bhreatainn gu Cùirt Cheartais na h-Eòrpa fo chasaid gu bheil Breatainn a' dè anamh dìmeas air in-imrich às an Aonadh Eòrpach. Tha an Comisean a' cumail a-mach gu bheil Riaghaltas Bhreatainn a' cuir deuchainn, nach bu chòir dhaibh, air feadhainn a nì in-imrich a dh'fhaicinn a bheil iad airidh air sochairean stàite. Thuirt an Riaghaltas nach geill iad sa chùis.

Woolwich

Tha duine a tha fo chasaid gun do mhurt e an saighdear, Lee Rigby, ann an Lunnain an t-seachdainn seo chaidh a' dol mu choinneamh na cùirte ann an Westminster an-dràsta. Chaidh Mìcheal Adebowale a chuir fo chasaid muirt a-raoir. Tha fear eile a tha fo amharas fhathast san ospadal an dèidh do pholais losgadh air an dithis ann an Woolwich, Diciadainn seo chaidh.

Rannsachadh

Tha polais ann an Shropshire a' ceasnachadh duine fo amharas gun do mhurt e nighean, seachd bliadhna deug a dh'aois. Dh'fhalbh Georgia Williams bho dachaigh ann an Wellington ann an Shropshire air an deireadh sheachdainn agus cha chuala a teaghlach guth bhuaipe on uair sin. Chaidh an duine, a tha 22 agus a bhuineas do Thelford, a chuir an greim ann an Glaschu an-dè fo amharas gun tug e am bruid i.

Eaglais na h-Alba

Tha coithional Eaglais na h-Alba an Ceann an Loch ann an Leòdhas a' coimhead air dòigh a leigeadh leotha an eaglais fhàgail. Tha seisean, am ministear agus an coithional mì-thoilichte mun dòigh san deach ceist nam ministearan gèidh a làimhseachadh.

Cìsean-oideachaidh

Chaidh innse do dh'oilthighean na h-Alba gum faodadh iad fhathast cìsean oideachaidh a chuir air oileanaich à sgìrean eile de Bhreatainn ged a bhiodh neo-eisimeileachd aig Alba. An-dràsda chan eil cìs air oileanaich às Alba agus às dùthchannan eile an Aonaidh Eòrpaich ach tha naoi mìle not sa bhliadhna de chìsean air oileanaich à Sasainn. Fhuair oilthighean na h-Alba comhairle laghail a tha ag ràdh gum faodadh iad fhathast cìsean iarraidh gun a bhith a' briseadh lagh na h-Eòrpa.