Saighdearan a' caismeachd tro Inbhir Nis

Caismeachd Inbhir Nis
Image caption Bha na saighdearan airson taing a thoirt do dhaoine ann an Alba a chum taic riutha.

Bha a' Chiad Bhatallion, Freiceadan na h-Alba a' caismeachd tro Inbhir Nis Diardaoin, a' comharrachadh deireadh an turais aca a dh'Afganastan.

Chuir na saighdearan sia mìosan seachad ann an sgìre Helmand, agus bha iad airson taing a thoirt do dhaoine ann an Alba a chum taic riutha fhad 's a bha iad air falbh.

Thuirt àrd-oifigear a' bhatallion, an Lieutenant Còrnaileir Rob Howieson, gum biodh iad a' faighinn litrichean agus parsailean gach seachdain bho dhaoine ann an Alba, le measgachadh rudan bho bhonaidean clòimhe gu seoclaid agus geamaichean bùird.

Bha iad gu math taingeil, thuirt e, gun robh daoine a' cuimhneachadh orra nuair a bha iad cho fada air falbh bhon taigh.

Dh'aidich e gun robh an turas aca air a bhith deuchainneach.

Chaidh cuirm cuideachd a chumail dha na saighdearan ann an Talla Bhaile Inbhir Nis.