Dùbhlan Ròcabarra

Ròcabarra
Image caption Tha Nick Hancock an dòchas 60 là a chuir seachad air Ròcabarra

Tha fear à Dùn Èideann a' dèanamh air Ròcabarra Diardaoin 's e an dùil 60 là a chur seachad air an sgeir.

'S e 42 là an ùine a b' fhaide a chuir duine seachad air Ròcabarra gu ruige seo.

Dh'fhàg Nick Hancock an t-Òb madainn Diardaoin, 's dùil aige Ròcabarra a ruighinn mu mheadhan-oidhche.

Bidh e a' togail airgid dhan charthannas Help for Heroes le a dhùbhlan.

Buaidh na Sìde

Thuirt Mgr Hancock gun robh e a' coimhead air adhart ri a thuras, ged a dh'aidich e gum faodadh droch shìde trioblaidean mòra adhbharachadh dha.

Bidh e a' còmhnaidh ann am "pod", a chruthaich e dha fhèin, a bhios air a cheangal ris an sgeir.

B' fheudar dha uidheamachd, biadh agus uisge a mhaireas dà mhìos a thoirt leis airson a thurais.

'S e luchd-iomairt Ghreenpeace a b' fhaide a chuir seachad air Ròcabarra gu ruige seo, 's iad a' strì an aghaidh tolladh ola agus gas anns na h-uisgeachan timcheall air an sgeir ann an 1997.

'S e "Waveland" an t-ainm a thug iad-san air Ròcabarra.