Nas lugha luchd-siubhail sna h-Eileanan Siar

Port-Adhair Bheinn nam Fadhla
Image caption Bha Port-Adhair Bheinn nam Fadhla am measg an fheadhainn a chunnaic lùghdachadh ann an àireamhan luchd-siubhail.

Thàinig lùghdachadh air an àireamh de dhaoine a chleachd puirt-adhair nan Eilean Siar air a' mhìos a dh'fhalbh.

Chunnaic Port-Adhair Bharraigh lùghdachadh 17%, agus thàinig lùghdachadh 16% air na chaidh tro Phort-Adhair Bheinn nam Fadhla.

Thàinig lùghdachadh 7% cuideachd air na chleachd Port-Adhair Steòrnabhaigh.

'S iad puirt-adhair Inbhir Ùige agus Shumburgh a bu mhotha a chunnaic àrdachadh ann an àireamhan luchd-siubhail.

Buaidh na h-eaconomaidh

Thuirt Àrd-Oifigear HIAL, Inglis Lyon, gur e cho mall 's a tha an eaconamaidh, agus mar a dh'atharraich clàran-ama airson seirbheisean eadar na h-Eileanan a bu mhotha a dh'adhbharaich an lùghdachadh.

Thuirt e gun robh iad misneachail gun togadh cùisean orra aig Port-Adhair Inbhir Nis as t-Samhradh nuair a thòisicheas seirbheisean gu ruige Jersey agus Zurich a-rithist.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile