Là mòr an Cupa na Camanachd

Inbhir Aora is Caol Bhòid Image copyright Neil G Paterson
Image caption Rinn Caol Bhòid a' chùis air Inbhir Aora sa chuairt dheireannaich an-uiridh, coinnichidh iad a-rithist san darna chuairt Disathairne.

Thèid seachd geamaichean air adhart ann an Cupa na Camanachd Disathairne is bidh aire mhòran air Taigh na Bruaich, far an tèid na sgiobaidhean a chluich sa chuairt dheireannaich an-uiridh an aghaidh a chèile.

Rinn Caol Bhòid a' chùis 6-5 air Inbhir Aora an là ud ann an geama air leth, ach suarach cho math sa chaidh cùisean do sgioba Sheumais Pherlich bhon uairsin.

Tha iad air ceithir a-mach à ochd a chall san lìog agus 's gann gun robh cothrom aca idir an sgioba as làidire a chur air a' phàirc.

Bha dùil nach dèanadh Inbhir Aora ro mhath am bliadhna is iad air manaidsear is cuid de na cluicheadaran aca a chall aig deireadh an t-seusain seo chaidh.

Tha na bràithrean Garry is Graeme Mac a' Phearsain air spionnadh a chur san sgioba ge-tà, is tha feadhainn a bha an dùil sguir a chluiche air tilleadh.

Làmh an uachdair

Chan eil mar as àbhaist mòran eadar Caol Bhòid is Inbhir Aora ach gu math tric ann an geamaichean eadar na sgiobaidhean, 's ann a bhios làmh an uachdair aig an sgioba aig an taigh.

'S dòcha gur e sin a nì an diofar ann an Taigh na Bruaich Disathairne.

Thèid sgioba eile à Comhghall, Srath Chura, gu tuath is iad a' dol an aghaidh Bhail' Ùr an t-Slèibh.

Tha seo air cuimhneachan a dhùsgadh ann an Srath Chura de 1983, nuair a rinn iad a' chùis 2-0 air a' Bhail' Ùr gus a' chuairt dheireannach den chupa a ruighinn 'son an aon thuras nan eachdraidh.

Bha Dòmhnall 'Doughnut' Dòmhnallach a' cluich do Shrath Chura an là ud agus e a-niste na mhanaidsear aig an sgioba.

"Sin an là as fheàrr a bh' agam ann an iomain oir cha tug duine cothrom dhuinn ro-làimh. Bha e do-chreidsinneach do dh'àite mar Shrath Chura", thuirt e.

Beàrn

Chan eil duine a' toirt cothrom do Shrath Chura am bliadhna seo a bharrachd, is a' bheàrn eadar na sgiobaidhean nas motha na bha e ann an 1983.

"Bidh sinn a' feuchainn ris an sgòr a chumail sìos Disathairne - ach 's e sin an fheallsanachd a bh'againn ann an 1983 is rinn sinn a' chùis.

"S e cothrom a th'ann dha na balaich cluich air tè de na pàircean as ainmeil ann an iomain - tha mi an dòchas gun còrd e riutha", thuirt e.

Dh'aidich Bail' Ùr an t-Slèibh nach eil eòlas sam bith aca mu sgioba Shrath Chura, ach cha bu chòir gun cuir sin bacadh sam bith orra.

Bidh fear-glèidh Shrath Chura glè thrang Disathairne.

Dìreach shuas an rathad bidh geama tarraingeach eile ann is Ceann a' Ghiuthsaich a' cur fàilte air Lòbhat.

Pronnadh

Tha Lòbhat fhathast gun gheama a chall am bliadhna is thug iad pronnadh air na nàbaidhean aca Gleann Urchadain 4-0 an t-seachdain seo chaidh - fhads a bha Ceann a' Ghiuthsaich a' call an dearbaidh acasan air an aon sgòr.

Togaidh Ceann a' Ghiuthsaich an geama aca 'son a' chupa, ach ma dh'fhaodte nach bi sin gu leòr an turas seo.

Thèid Ceann Loch Seile shuas an A87 'son a dhol an aghaidh nan nàbaidhean aca san Eilean Sgitheanach.

Tha sgioba Johnston Gill ann an sunnd an-dràsta is iad air èirigh dhan cheathramh àite sa Phrìomh Lìog.

Thuirt Gill nach bi brosnachadh sam bith a dhìth air an sgioba aige 'son gheama ann am Port Rìgh.

Bidh na Sgitheanaich ag ionndrainn Ghilleasbuig MhicDhòmhnaill agus Ailean MhicFhionguin - ach bidh sluagh mòr aig Pàirc nan Laoch a bheir togail mòr do sgioba an eilein.

Bha dùil ri dearbaidh Loch Abair cuideachd ach chuir Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal às dhan sin nuair a rinn iad a' chùis air Cill Mhàillidh sa chuairt mu dheireadh.

Dùbhlan

'S e dùbhlan nas motha a th' aca Disathairne aig An Àird is bidh An Gearasdan dòchasach air àite a ghlèidheadh san ath-chuairt.

Ann an Drochaid an Aonachain bidh Loch Abar a' feuchainn ris an t-suidheachadh thruagh aca san lìog a chur an darna taobh an aghaidh Ghlinn Urchadain.

Tha an Gleann fhèin air a bhith an ìre mhath soirbheachail anns na cupanan bho chionn ghoirid is bidh iad dòchasach gun tèid aca air a dhol troimhe.

Sa gheama mu dheireadh bidh A' Mhanachainn - a tha aig mullach Lìog Tuath 1 - misneachail gun urrainn dhaibh gnothaichean a dhèanamh air leth fhèin duilich aig an taigh an aghaidh Chamanachd an Òbain, a tha aig bonn na Prìomh Lìge.

Ma tha sgioba bho lìog nas ìosal a' dol a bhuannachadh Disathairne, tha e coltach ann gur ann sa Mhanachainn a thachras e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile