Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00

31 An Cèitean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Drabasdachd

Tha luchd-iomairt airson sàbhailteachd chloinne ag ràdh gun bheil moirt April Jones, a' sealltainn nan ceangalan eadar drabasdachd air-loidhne agus fòirneart dhrabasta. Chaidh binn beatha a chuir an-dè air Mark Bridger airson moirt na h-ìghne an-uiridh. Tron a' chùis lagha thàinig e am follais gu robh Bridger air a bhith a' coimhead air dealbhan drabasta de chloinn air an eadar-lion. Tha luchd-iomairt a-nis ag ràdh gum bu chòir do chompanaidhean eadar-lion barrachd a dhèanamh gus a dhèanamh nas dorra do dhaoine dealbhan drabasta fhaicinn.

Sgoiltean

Tha dùil ri fiosrachadh anns na beagan uairean a thìde a tha romhainn mu na tha an dàn do dhà sgoil anns na h-Eileanan Siar. Chaidh Riaghaltas na h-Alba gu lagh le Comhairle nan Eilean Siar 's a' chomhairle airson Bun-sgoil Chàrlabhaigh agus Àrd-sgoil dà bhliadhna Shiaboist a dhùnadh. Cho-dhùin ath-bhreathnachadh cùirt bho chionn bliadhna gun robh a' chomhairle ceart ann a bhith a' dùnadh nan sgoiltean. Ach, aig a' cheart àm thuirt na britheamhan gun robh an riaghaltas ceart ann a bhith a' ceasnachadh na cùis. Tha dùil gun tèid fiosrachadh mu ath-thagradh co-cheangailte ri co-dhùnadh an ath-bhreathnachaidh fhoillseachadh an-diugh fhathast.

Itealan

Tha itealan Easyjet a dh'fhàg Port Adhar Ghlaschu madainn an-diugh a' dèanamh air Amsterdam air tilleadh air ais, air sgàth 's trioblaidean teicnigeach. Dh'fhàg an t-itealain dìreach ro dheich uairean madainn an-diugh. Chan eil a' chompanaidh Easyjet air càil a ràdh aig an ìre-sa.

Georgia

Chaidh ùine a bharrachd a thoirt do phoilis gus fear, a chaidh a chuir an grèim ann an Glaschu fo amharas gun do mhoirt e deugaire, a cheasnachadh. Tha còrr is leth-cheud oifigear poilis a rannsachadh dè a dh'èirich do Georgia Williams, aois seachd bliadhna deug, as dèidh dhith a dachaidh fhàgail ann an Shropshire Latha na Sàbaid.

Ròcal

Tha fear à Dùn Eideann, a bha feuchainn air tìde a chuir seachad air Ròcal anns a' Chuan Shiar, air fàiligeadh air a' chiad iomairt aige gus faighinn air a' chreig. Tha Nick Hancock a-nis a' tilleadh a Hiort airson fasgadh mus fheuch e a-rithist air Ròcal.

Syria

Thuirt nan Stàitean Aonaichte gu bheil iad ag obair còmhla ris an Ruis gus conaltradh a thòiseachadh eadar an dà thaobh ann an Syria. Thàinig seo an dèidh do Cheann Suidhe Shyria - Bashar Al-Assad innse an-dè gu robh feachdan an Riaghaltais a' dèanamh adhartais, agus gun robh iad air armachd fhaighinn bhon Ruis. Thuirt na prìomh dùbhlanaich taobh a-muigh na dùthcha nach gabhadh iad pàirt ann an còmhraidhean sìth sa bith fhad 's a leanas lèir-sgrios anns an dùthaich.