Coinneamh le pàrantan sgoiltean a dhùineas

Àrd-Sgoil Mhic Neacail Image copyright Comhairle nan Eilean Siar
Image caption Thèid clann Shiaboist a-nis gu Àrd-Sgoil Mhic Neacail ann an Steòrnabhagh.

Coinnichidh pàrantan chlann-sgoile Shiaboist is Chàrlabhaigh ri Comhairle nan Eilean Siar an t-seachdain seo, is dearbhadh ann a-nise gun dùin na sgoiltean aca.

Dùnaidh Bun-sgol Chàrlabhaigh, agus Àrd-sgoil Dà Bhliadhna Shiaboist ro thoiseach na h-ath-bhliadhna sgoile.

Dh'iarr pàrantan, a th' air a bhith a' strì grunn bhliadhnaichean an aghaidh dùnadh nan sgoiltean, gun tèid an gnothach a làimhseachadh gu sgiobalta, agus a chùm maith na cloinne.

Iarraidh a' Chomhairle cosgaisean-laghail air Riaghaltas na h-Alba mu choinneimh na cùis-lagha a bha eatorra, mu co-dhiù bha an Riaghaltas ceart ann a bhith a' gairm a-steach co-dhùnadh an dà sgoil a dhùnadh.

Cho-dhùin Cùirt an t-Seisein Dihaoine na seachdain seo chadih gun robh an Riaghaltas ceàrr a bhith a' dèanamh sin.

Thèid tagradh a dheànamh a-nise airson cosgaisean na Comhairle fhaighinn air ais.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile