Corp ga lorg ann an Cnòideart

Seacaid Phoilis
Image caption Tha Mgr Dennier air a bhith a dhìth bhon Mhàrt.

Thuirt Poilis air a' Ghàidhealtachd a tha air air bhith a' sireadh fhir-naidheachd nach fhacas bho chionn còrr is dà mhìos, gu bheil iad air corp fireannaich a lorg.

Tha Clive Dennier, 50, agus a bhuineadh do dh'Inbhir Nis, air a bhith a dhìth bhon Mhàirt.

Cha deach a dhearbhadh fhathast an e dha-rìribh corp Mhgr Dennier a chaidh a lorg.

Bha Mgr Dennier ag obair airson Herald Bhàideanaich is Shrath Spè.

Chuir a cho-obraichean fios air na Poilis gun robh e a dhìth nuair nach do nochd e airson obair air 25mh am Màrt.

Thathas a' tuigsinn gun tuirt e gun robh e gu bhith a' coiseachd nam beann air an deireadh-sheachdain a chaidh e a dhìth.

Às dèidh rannsachaidh fharsainn, chaidh an carbad aige a lorg ann an sgìre Chòideirt an iar air Inbhir Gharadh.

Ach a dh'aindeoin 's gun do lean an iomairt, cha deach lorg fhaighinn air Mgr Dennier.

Thuirt na Poilis gun d'fhuair iad lorg air corp ann an sgìre Chinn Loch Shùirn feasgar Dihaoine às dèidh dhaibh fiosrachadh fhaighinn bho bhall den phoball.

Chaidh fios a chur gu teaghlach Mhgr Dennier, 's thathas ag ullachadh airson dearbhadh an e an corp aige a th' ann.