Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

3 An t-Ogmhìos 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Woolwich

Tha dithis mu choinneimh na cùirte an-diugh fo chasaid mu mhurt an t-saighdeir Lee Rigby ann an Woolwich bho chionn faisg air cola-deug. Tha Michael Adebowale, a tha 22 bhliadhna de dh'aois mu choinneimh cùirt an Old Bailey, le ceangal bhideo. Tha an duine eile, Michael Adebolajo, a tha 28, aig cùirt Mhaighstirean-lagha ann an Westminster.

Luchd-coiteachaidh

Gheall an Leas-Phrìomhaire Nick Clegg gun tèid clàr a stèidheachadh de luchd-coiteachaidh (lobbyists) mar phàirt den oidhirp air ìomhaigh na Pàrlamaid a ghlanadh an dèidh nan casaidean as ùire. Tha triùir Mhorairean agus aon Bhall-Pàrlamaid fo amharas gun robh iad deònach airgead a ghabhail airson obair a dhèanamh sa Phàrlamaid. Thuirt Mgr Clegg gu bheil e cuideachd ag iarraidh chumhachdan ùra fo an tigeadh air Buill-Phàrlamaid an dreuchd fhàgail ma thèid dearabhadh gun do bhris iad na riaghailtean.

Taic-airgid a' Gheamhraidh

Thuirt Seansalair nan Làbarach, Ed Balls, gun cuireadh na Làbaraich às so thaic-airgid a' Gheamhraidh dha na peinseanairean as beartaiche. Chùmhnadh sin mu £100m gach bliadhna à buidseat an Riaghaltais airson seann daoine a chuideachadh le cosgaisean dachaigh a chumail blàth. Tha aon bhuidhinn pheinseanairan a' gearain ge-tà, gun cuireadh sin às dhan phrionnsabal gu bheil feadhainn a tha ag obair fad am beatha agus a' cur airgid ris an Stàit airidh air rudeigin fhaighinn air ais mu choinneimh sin.

Fianaisean

Chuir Comataidh a' Cheartais ann am Pàrlamaid na h-Alba aonta ri bile airson taic a chur ri feadhainn a dh'fhulaing le eucoir, agus feadhainn a tha a' toirt seachad fianais ann an cùirtean na h-Alba. Tha aithisg ùr ag ràdh gu bheil làn-àm ann tuilleadh taic a thoirt dhan leithid, ach tha iad ag iarraidh atharrachaidh no dhà sa bhile gus nach toir e droch bhuaidh nas motha air còirichean dhaoine a tha fo chasaid.

Sìona

Chaill còrr is 100 duine am beatha ann an ceann an ear-thuath Shìona ann an teine aig taigh-spadaidh chearc. Tha na meadhanan ann an Sìona ag ràdh gun robh geataichean na làraich glaste, ach gun do rinn mu 100 duine an gnothach air teicheadh.

An Tuirc

Bha an treas oidhche de dh'àimhreit anns an Tuirc far a bheil sluagh a' togail fianais an aghaidh an Riaghaltais. Chuir Poilis ann an Istanbul agus Ankara gas agus canan-uisge gu feum, agus chaidh faisg air 2,000 duine a chur an grèim. Thathas a' cleachdadh Mhosgaichean mar ospadail dhan fheadhainn a chaidh a ghoirteachadh.

Sgoiltean

Coinnichidh pàrantan ann an Siabost is Càrlabhagh ri Comhairle nan Eilean Siar an t-seachdain seo, an dèidh dearbhadh gun dùin na sgoiltean aca. Cho-dhùin Cùirt an t-Seisein Dihaoine gun robh an Riaghaltas ceàrr a bhith a' feuchainn ri stad a chur air a' Chomhairle bho bhith a' dùnadh ceithir sgoiltean. Iarraidh a' Chomhairle cosgaisean laghail air Riaghaltas na h-Alba mu choinneimh na cùise-lagha.