Planaichean an A9 gan taisbeanadh

Thèid planaichean airson an A9 a dhèanamh dùbailte fad na slighe eadar Inbhir Nis agus Peart a thaisbeanadh ann an coimhearsnachdan ri taobh an rathaid an t-seachdain seo.

Tha a' chiad thaisbeanadh a' tachairt Diluain anns an Aghaidh Mhòir ann an Srath Spè.

Thathas a' sireadh bheachdan an t-sluaigh air an obair, a chosgas £3bn.

A thuilleadh air an Aghaidh Mhòir, thèid na planaichean a thaisbeanadh ann an Ceann na Creige Diciadain, agus ann an Ceann a' Ghiuthsaich Dihaoine.

Bidh na taisbeanaidhean fosgailte eadar 11:30m agus 7:30f.