Dithis ciontach de mhurt Liam Aitchison
- Published
image copyrightOther
Chaidh dithis fhear òga fhaighinn cionntach de mhurt an deugaire Eileanaich, Liam Aitchison.
Mhuirt Ionatan MacFhionghain, agus Stefan Millar, a tha le chèile 22 bhliadhna de dh'aois, Liam, a bha 16, ann an taigh ann an Stèinis faisg air Steòrnabhagh ann an Leòdhas san t-Samhain 2011.
Tha dùil gun tèid binn a chur orra air 28mh an t-Ògmhios.
Chuala an Àrd-Chùirt ann an Glaschu gun robh iad air Liam a shàthadh grunn tursan, gun do bhuail iad e le botal, 's gun do stamp iad air a cheann.
'S e a' chiad mhurt a thachair anns na h-Eileanan Siar airson còrr is 40 bliadhna.
Bhuinneadh Liam do dh'Uibhist a Deas, agus bha e na dhrumaire ann an còmhlan-pìoba, a thuilleadh air a bhith na bhall de Phàrlamaid na h-Òige.