Raghnall a' cur às do Lòbhat
- Air fhoillseachadh

'S iomadh turas thar an fhichead bliadhna mu dheireadh a thug e buaidh air Cupa na Camanachd - agus Disathairne thill Raghnal Ros do sgioba Chinn a' Ghiuthsaich 'son an stìuireadh dhan chairteal-chuairt dheireannaich.
Cha robh Ros air geama a chluich dhan chiad sgioba air an t-seusan seo ach rinn e diofar taobh a-staigh mionaid an aghaidh Lòbhait, is e a' cruthachadh tadhail do Thòmas Borthwick.
Chuir Lee Bain an dàrna thadal às dèidh 16 mionaidean, agus chuir Raghnall fhèin crìoch air cùisean tràth san dàrna leth.
3-0 do Cheann a' Ghiuthsaich aig a' cheann thall, is bidh iad a' feuchainn ri Ros a chumail san sgioba 'son na h-ath-chuairt.
Bristeadh-dùil do Lòbhat is iad air call 'son a' chiad turais am bliadhna. Tha fois aca fad cola-deug a-nise gus an tèid iad an aghaidh nan nàbaidhean aca Gleann Urchadain 'son Chupa MhicThàmhais.
Deas
Aig deas chaidh Caol Bhòid an aghaidh Inbhir Aora, naoi mìosan às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh orra 6-5 sa chuairt dheireannaich.
Cha robh ach tadhal ann an turas seo, agus 's e Roberto Zavaroni a fhuair e do sgioba Thaigh na Bruaich is iadsan a' glèidheadh 1-0 ann an geama cruaidh.
Bha na tadhail a' frasadh a-steach aig an Eilean far an do chuir Bail' Ùr an t-Slèibh fàilte air Srath Chura.
Bha e 6-0 dhan Bhail' Ùr aig letheach ùine ach dh'fhaodadh balaich Chomhghaill a bhith moiteil leis an oidhirp a rinn iad gus sgioba Bhàideanaich a chumail gu 9-0 aig a' cheann thall.
Bha naoi tadhail ann am Port Rìgh cuideachd.
Dòchasach
'S ann dòchasach a bha luchd-leantainn nan Sgitheanach nuair a chuir Jordan MacCalmain air thoiseach iad tràth sa gheama.
Tha Gordie Dòmhnallach ann an sunnd do Cheann Loch Seile an-dràsta ge-tà, is chuir esan a dhà 'son làmh an uachdair a thoirt dha na balaich à Tìr Mòr aig letheach ùine.
Chaidh iad nas fhaide air thoiseach le tadhail bho Dhonnchadh 'Ach' MacRath (54) is Iain MacRath (80).
Ghearr MacCalmain am bèarn gu 4-2, ach chrìochnaich Ceann Loch Seile gu làidir le tadhail eile bho Iain MacRath a-rithist, Cè MacRath is Gordie Dòmhnallach a' cur an treas tadhail aige fhèin den là.
7-2 aig a' cheann thall, sgòr a bha car cruaidh do sgioba an Eilein.
Bun os Cionn
Chuir A' Mhanachainn gnothaichean bun os cionn is iad a' soirbheachadh 2-0 an aghaidh Camanachd an Òbain bhon Phrìomh Lìog.
B'iad Sean Stiùbhart is Jack Dòmhnallaich na gaisgich 'son na sgioba a tha an-dràsta aig mullach Lìog Tuath 1.
Theab Loch Abar geama a bhuannachadh 'son a' chiad turais air an t-seusan seo is iad 3-2 air thoiseach air Gleann Urchadain anns na diogan mu dheireadh.
Shàbhail Ewen Brady an Gleann ge-tà, le tadhal anmoch, is coinnichidh iad a-rithist ann an Druim na Drochaid Disathairne seo tighinn.
Sa gheama eile chaidh An Gearasdan air adhart gun strì, 4-1 an aghaidh Ghlaschu Meadhan Earra-Ghàidheal.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh3 An t-Ògmhios 2013