Companaidh dealain Eileanach ga moladh
- Published
Thèid moladh do Chomataidh an Leasachaidh Sheasmhaich aig Comhairle nan Eilean Siar Diciadain gum bu chòir dhaibh fhèin companaidh a stèidheachadh a reiceadh dealan ath-nuadhachail anns na h-eileanan.
Tha aithisg a rinn a' bhuidheann rannsachaidh Greenspace Live ag ràdh gun dèanadh seo feum dhan eaconamaidh, agus gun cruthaicheadh e na ficheadan de chosnaidhean.
Tha an t-eòlaiche chumhachd Murchadh Moireach ag ràdh gum bu chòir seo a dhèanamh sa bhad.
"Tha e inntinneach dha-rìribh faicinn gu bheil seo a-nis a' tighinn an-àirde aig a' Chomhairle, 's gu bheil iad a' coimhead ri companaidh a chur air chois a bhios ag obair le dealan às na h-eileanan," thuirt e.
Fèin-fhiughantachd
"Tha mi a' smaoineachadh gur e rud air leth feumail a bhios ann, agus gum bu chòir dha a dhol air adhart cho luath 's is urrainn.
"Chì sinn mar thà gu bheil daoine a' roghnachadh a dhol gu daoine a tha a' cruthachadh dealain fo chumhachd ath-nuadhachail.
"Tha mi a' smaoineachdainn gum biodh e cuideachd a' tachairt anns na h-eileanan, gum biodh daoine a tha a' cruthachadh, mar dhaoine aig a bheil crainn aig an dachaigh, no coimhearsnachdan, gum biodh iad a' coimhead ri dhol gu ionad-dealain anns na h-eileanan fhèin.
"Tha sinn a' faicinn gu bheil Scottish and Southern a' cur cosgais a bharrachd air gnothachasan agus air eaglaisean 's àiteachan eile, air sgàth gu bheil daoine a' cruthachadh dealain ann an seo.
"Tha mise a' smaoineachdainn gur e bochdainn a tha sin.
"Nam biodh companaidh ann ag obair leis an dealan mar a thathas am beachd, tha mi a' smaoineachadh gum biodh daoine deònach a dhol thuca.
"Anns a' chiad àite, 's e brosnachadh eaconamach a bhiodh ann, anns an t-seadh agus nam b' e agus gun robh cumhachd a bharrachd anns na h-eileanan na bhathas a' feumachdainn - sin a' chiad rud a bu chòir dhaibh a bhith a' coimhead ris, fèin-fhiughantachd - bhiodh e an uair sin comasach a bhith a' tarraing obair a-steach dhan eilean, agus a' toirt cothroman dha daoine dealan a chleachdadh na bu saoire, agus a-rèiste a' cruthachadh comas obraichean.
"A bharrachd air sin, bhiodh e comasach a bhith a' cleachdadh dealain ann an dachannan, gu h-àraid nam biodh an cumhachd gu lèir air a dhèanamh gu h-ath-nuadhachail.
"Cha bu chòir idir a bhith a' feitheamh air cinnt air Càbal a' Chuain Sgìth airson seo, oir cuin a thig sin?," thuirt e.