Feamainn a' toirt fàs air eaconamaidh Uibhist

Feamainn
Image caption 'S iomadh feum ris an cuirear feamainn.

Tha dùil gun cruthaich dòigh-giollachd ùr air feamainn grunn chosnaidhean ann an Uibhist.

Thèid an fheamainn a ghearradh agus a chruinneachadh gu h-ionadail mus tèid a thiormachadh le inneal a tha a' losgadh fiodh ionadail mar chonadh, no biomass.

'S ann an cuaraidh a chaidh a dhùnadh bho chionn beagan bhliadhnaichean a bhios an obair seo steidhichte.

Thèid an fheamainn a chleachdadh ann an iomadh rud, leithid todhair, biadh stuic, agus uachdar-fhiaclan, le margaidh air a son air feadh an t-Saoghail.

Cosnaidhean

"Tha a bhith ga tioramachadh le inneal-malairt-teas na chuideachadh ann a bhith a' glèidheadh na tha a' dèanamh suas na feamad," thuirt Graham Todd, manaidsear margaidheachd a' ghnothachais ùir.

"Tha mòran siucair agus pròitein ann am feamainn, agus ma thiormaicheas tu le lasair e, caillidh tu gu leòr dheth sin.

"Tha mòran nitrogen, phosphorous agus potasium ann am feamainn thioramaichte, a tha math airson fàs lusan.

"Tha cuideachd mòran iarrainn ann, agus tha sin math airson lusan a bhith a' fàs uaine. Bidh raointean goilf ga cleachdadh gu tric airson piseach a thoirt air an fheur aca air thoiseach air farpaisean," thuirt e.

Tha dùil gun cruthaich an gnothachas seachd cosnaidhean san aithghearrachd.

"Chan e sin uile, oir bidh obair ann airson nan gearradairean cuideachd," thuirt Raghnall MacIain, a tha os cionn na h-obrach.

"Bidh sin ag atharrachadh o mhìos gu mìos.

"Tha sinn air bruidhinn ri grunn daoine. Dh'fhaodainn gu furasta 15 duine ainmeachadh.

"Sin agus an fheadhainn a bhios a' giùlain na feamad fliuch a tha a' tighinn dhan chuaraidh ann an seo, agus an fheadhainn a tha a' giùlain na feamad tioraimichte a bhios a' falbh gu Tìr Mòr," thuirt e.

Cleachdar faisg air sia tunna de dh'fhiodh gach là san ionad, ach tha am fiodh air fhaighinn anns an eilean fhèin.

Tha sin a' cumail sìos na buaidhe a bheir an gnothach air an àrainneachd.

Thathas cuideachd an dòchas an stuth a thig às a chlàradh mar stuth organach.