Riaghaltas gan càineadh mu Ath-leasachadh an Fhearainn

Fearann
Image caption Thuirt Mgr Mac an t-Sealgair gu bheil siostam sealbh fearainn na h-Alba "cho neo-ionnan 's a th' anns an t-Saoghal Leasaichte."

Tha am fear-eachdraidh agus fear-iomairt airson ath-leasachadh fearainn, an t-Àrd-Oll. Seumas Mac an t-Sealgair air Riaghaltas na h-Alba a chàineadh, ri linn 's "nach eil iad air càil a dhèanamh a thaobh reachdais" airson siostam sealbh fearainn "neo-dheamocratach" na h-Alba atharrachadh.

Tha seo a' tighinn às dèidh mar a chaidh aithisg eadar-amail Buidheann Ath-sgrùdaidh Ath-leasachadh an Fhearainn fhoillseachadh.

Chaidh a' bhuidheann a chur air bhonn leis an Riaghaltas, feuch dè bu chòir a dhèanamh airson ath-leasachadh an fhearainn a thoirt air adhart.

Tha cuid air an aithisg a chàineadh, ag ràdh gu bheil e "na buile bàis do dh'ath-leasachadh radaigeach."

Dealasach

Bha an t-Àrd-Oll. Mac an t-Sealgair na bhall air a' Bhuidhinn Sgrùdaidh, gus an do dh'fhàg e na bu tràithe am bliadhna, ri linn adhbharan pearsanta.

Às dèidh don aithisg a bhith air a foillseachadh ge-tà, tha e a-nis air a ràdh gum bu chòir crathadh mòr a thoirt air a' bhuidhinn.

Tha e airson 's gur e Rùnaire nan Cùisean Dùthchail fhèin a bu chòir a bhith sa chathair gu cunbhallach, agus gum bu chòir gum bi seirbheisich chatharra le eòlas reachdail a bhith nan suidhe mun bhòrd cuideachd.

Tha e ag ràdh gu bheil sin riatanach ma tha an Riaghaltas Albannach gus ath-leasachadh an fhearainn a thoirt gu buil.

A dh'aindeoin na tha Riaghaltas an SNP air a ràdh mu dheidhinn ceartais shòisealta, tha Mgr Mac an t-Sealgair ag ràdh nach do rinn iad "càil idir" a thaobh reachdais a bh' air dèiligeadh ris an t-siostam sealbh fearainn "as neo-ionnain, neo-leasaichte agus as neo-dheamocrataich san t-Saoghal Leasaichte air fad."

Tha Mgr Mac an t-Sealgair agus luchd-iomairt eile airson 's gum bi còir aig tuathanaich mhàil ann an Alba an tuathanasan a cheannach bho na h-uachdarain, agus gum bi cìs ga cur air luach an fhearainn a th' aig daoine, a dheadh an àite Cìs na Comhairle agus rèataichean gnothachais, am measg rudan eile.

Tha an Riaghaltas ag ràdh, mar fhreagairt, gu bheil iad "dealasach mu ath-leasachadh an fhearainn" agus iad a' tarraing aire dhan £6m a chuir iad mu seach airson Stòras Fearainn na h-Alba.

Tharraing iad aire cuideachd don 25 coimhearsnachdan a th' air am fearann aca a cheannach bhon Chèitean 2007.