Liam Aitchison
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Athair Liam Aitchison ag iomairt

5 An t-Ogmhìos 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha athair Liam Aitchison, a chaidh a mhurt ann an Leòdhas, a' dol a dh'iomairt son stad a chur air daoine a tha fo chasaid mhuirt a bhith air an leigeil ma sgaoil air urras.

Tha Norrie Aitchison ag ràdh nach robh còir aig murtairean an deugaire a bhith saor air urras mus deach a' chùis gu cùirt.

Fhuairear Ionatan MacFhionghuin agus Stefan Millar ciontach de mhurt Liam san Àrd-Chuirt Diluain.

Bhruidhinn an tè-naidheachd againn, Catriona Nic Fhionghuin ri Mgr Aitchison agus a bhean Claire.