Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

5 An t-Ogmhìos 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Ghabh feachdan an Riaghaltais ann an Siria smachd a-rithist air baile Qusair, faisg air a' chrìch ri Lebanon. Thuirt na Reubaltaich gu bheil arm a' Chinn-suidhe Assad, le taic shaighdearan Hezbollah, air am baile a ghabhail an dèidh sèist fad cola-deug. Tha Breatainn 's an Fhraing ag ràdh cuideachd gu bheil fianais làidir ann a-niste gun deach armachd cheimigeach a chleachdadh ann an Siria. Agus tha riochdairean às na Dùthchannan Aonaichte, na Stàitean Aonaichte, agus an Ruis a' cruinneachadh ann an Geneva airson chòmhraidhean mu Shiria.

Taigheadas

Chaidh rabhadh gu bheil èiginn taigheadais an Alba a' sìor fhàs nas miosa. Tha àireamhan ùra ag ràdh gu bheil an àireamh thaighean ùra a tha gan togail air tuiteam a-rithist airson na còigeamh bliadhna, a dh'aindeoin 's gu bheil àireamh sluaigh agus an t-iarrtas airson taighean ag èirigh. Tha a' bhuidheann Homes For Scotland ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba rudeigin a dhèanamh mun t-suidheachadh.

Càintean Dràibhidh

Chuir buidhnean còmhdhail fàilte air cumhachdan ùra dha na Poilis airson dèiligeadh ri dràibhearan nach eil a' carachadh à meadhan nam mòr-rathaidean, agus a tha a' dol ro fhaisg air a' charbad a th' air am beulaibh. Bhon ath-mhìos faodaidh poilis ann an Sasainn, a' Chuimrigh agus Alba càin stèidhichte a chur an sàs gun a dhol gu cùirt. Agus thèid a' chàin stèidhichte àrdachadh cuideachd airson a bhith a' dràibheadh gun chrios shàbhalaidh, agus airson a bhith air fòn-làimhe air cùl cuibhle.

Tesco

Dh'innis Tesco gun robh ìsleachadh de 1% air na reic iad ann am Breatainn air a' chiad trì mìosan den bhliadhna seo. Thuirt a' bhuidheann gun tug an sgainneal mu fheòil eich buaidh bheag, ach buaidh fhollaiseach orra.

Ath-leasachadh Fearainn

Tha buill Làbarach ann am Pàrlamaid na h-Alba a' fàgail air Riaghaltas na h-Alba nach eil guth aca air na gheall iad a thaobh ath-leasachaidh an fhearainn. Aig deasbad ann an Holyrood an-diugh canaidh na Làbaraich gu bheil an SNP a' cur na ceiste an dara taobh a dh'aona-ghnothaich, air eagal 's gun caill iad taic ron referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba an ath-bhliadhna.

Ceist an Referendum

'S e an-diugh an là mu dheireadh airson ainm a chur ri ath-chuinge ag iarraidh dreach Ghàidhlig air ceist referendum neo-eisimeileachd na h-Alba. Cha robh, na bu tràithe an-diugh, ach beagan a bharrachd air 400 ainm air an ath-chuinge, a chaidh air-loidhne bho chionn trì seachdainnean. Thuirt Iain MacLeòid à Dùn Èideann a tha a' strì às leth na Gàidhlig, agus a chuir an ath-chuinge air bhonn, nach eil cus dragh air mun àireimh, cho fad 's gun toir Comataidh nan Ath-chuingean Poblach ann am Pàrlamaid na h-Alba spèis do theachdaireachd na h-ath-chuinge.