Cidhe Mhèanais ann an làmhan na coimhearsnachd

Cidhe Mhèanais Image copyright Dave Fergusson
Image caption Thèid faighneachd do mhuinntir na sgìre dè bu chòir a dhèanamh leis a' chidhe.

Fhuair Urras Ghleann Dail san Eilean Sgitheanach sealbh air cidhe Mhèanais.

Bha là ann nuair a bhiodh cha-mhòr a h-uile càil a bha a dhìth air muinntir na sgìre ga chur air tìr aig a' chidhe.

Tha an t-àite an-diugh feumach air leasachadh agus thèid faighneachd den t-sluagh dè tha iad airson a dhèanamh leis.

B' ann aig a' chidhe a thàinig na saighdearan-mara air tìr bho bhàta-gunna, mar phàirt de dh'iomairt nan ùghdarrasan an aghaidh chroitearan a bha ri ar-a-mach anns na 1883.

Tha an t-Urras a-nis air an cidhe a ghabhail thairis bho Chomhairle na Gàidhealtachd, agus dùil aca an laimrig a tha ri thaobh, agus a th' ann an droch staid, a chàradh 's a chur air ais gu feum.