Dithis comhairlichean air an casg bho dheasbad

Dh'fhàg Urras Iain Mhuir air Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad gan giùlain fhèin ann an dòigh neo-dheamocrataich, leis mar a chaidh dithis chomhairlichean a chasg bho bhreithneachadh air iarrtasan airson tuathan-gaoithe.

Chaidh innse do na neo-eisimeilich Anndra Bacastair agus Jim Crawford nach fhaod iad pàirt a ghabhail ann an deasbadan comhairle mun leithid 's iad air nochdadh gu poblach gu bheil iad nan aghaidh.

Dh'innseadh don Chomh. Bacastair gu bheil an taic a tha e air nochdadh do dh'Urras Iain Mhuir na phàirt de cho-dhùnadh na Comhairle.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile