Aiseag Uibhist a Deas "an t-seirbheis as miosa an Alba"

  • Air fhoillseachadh
Bàt-aiseig ann an Loch BaghasdailTùs an deilbh, Undiscovered Scotland
Fo-thiotal an deilbh,
Tha muinntir Uibhist a Deas air a bhith ag iomairt o chionn fhada airson seirbheis aiseig nas fheàrr.

Chaidh fàgail air Àrd-Stiùiriche Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn gur i an t-seirbheis aiseig a tha a' frithealadh Uibhist a Deas an t-seirbheis as miosa an Alba.

Bha Martin Dorchester a' toirt taisbeaniadh do bhuill Chomhairle nan Eilean Siar ann an Steòrnabhagh Diciadain, far an deach ceistean a chur air cuideachd mu sheasmhachd feadhainn de bhàtaichean aiseig na companaidh.

"Tha e fìor gu leòr. Tha fios aig a h-uile duine chan eil againn ach ceithir seòlaidhean as t-Samhradh, nuair a tha seòladh ann seachd là san t-seachdain aig a h-uile eilean eile," thuirt fear de chomhairlichean Uibhist a Deas, Raghnall MacFhionghuin.

"Agus rud a tha a' cur a' chaothaich oirnn, an Geamhradh seo tighinn, tha iad ag ràdh gum faigh sinne còig.

Ath-Sgrùdadh nan Aiseagan

"Tha sin a' ciallachadh gum bi seirbheis Gheamhraidh againn nas fheàrr na tha i as t-Samhradh. Eilean sam bith eile, tha Samhradh nas fheàrr na Geamhradh.

"Chan eil mise a' cur a' choire air Cal Mac. Chan eil mi fiù 's a' cur a' choire air a' Mhinistear. 'S iad na seirbheisich chatharra a th' aca, sin an fheadhainn a tha a' toirt an fhiosrachaidh dhan Mhinistear.

"Mar a tha sinn a' faicinn, chan eil fhios aca. Nam biodh iad eadhon anns an eilean.

"Bha coinneamh againn ann an Loch nam Madadh, agus bha dithis sheirbheiseach chatharra againn, a' chiad trup aca san eilean.

"Agus bha moit aca innse dhuinn gur iadsan a rinn Ath-Sgrùdadh nan Aiseagan. Cha robh foir aca càite an robh Loch nam Madadh.

"Tha sin ag innse dhut dè tha sinn suas na aghaidh. Nam bhiodh fiù 's fios aca dè tha a' tachairt anns na h-Eileanan," thuirt e.

Thuirt Martin Dochester, nach robh e a' gabhail ris gur gur e seirbheis aiseig Uibhist a Deas an tè as is miosa ann an Alba.

Thuirt e gum beachdaich a' chompanaidh air cuid de na rudan a nochd aig a' choinneimh aige còmhla ri comhairlichean nan Eilean Siar.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh