Call sheirbheisean adhair na bhuille do dh'eaconamaidh na Gàidhealtachd

Itealan le Flybe
Image caption Gabhaidh Easyjet na cothroman laighe thairis sa Mhàrt an ath-bhliadhna.

Thuirt Ministear na Còmhdhail gum faodadh gum fulaing eaconamaidh na Gàidhealtachd ma bhios lùghdachadh san àireamh de sheirbheisean adhair eadar Lunnainn agus Inbhir Nis.

Chùm Keith Brown coinneamh le ceannardan Easyjet mu phlanaichean na companaidh airson na ceadan laighe aig Flybe aig Port-adhair Ghatwick a ghabhail thairis.

Thuige seo chan eil Easyjet air gealltainn gun glèidh iad na seirbheisean aig Flybe, 's iad dìreach ag ràdh gum feuch iad ris na seirbheisean a th' aca mar thà a chumail, agus gum biodh iad deònach beachdachadh air tuilleadh sheirbheisean airson Inbhir Nis.

Tha eagal air cuid gun cleachd Easyjet na làraichean cosgail aig Gatwick airson slighean ùra a stèidheachadh dhan Roinn Eòrpa.

Thuirt Mgr Brown gun do rinn e soilleir do cheannardan Easyjet gu bheil Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh air a' chompanaidh seirbheisean a bharrachd a stèidheachadh bho Inbhir Nis.

Tha Flybe an-dràsta a' ruith trì sheirbheisean san là eadar Inbhir Nis agus Gatwick, agus tha Easyjet a' ruith aon sheirbheis ann 's air ais san là.

Le Flybe a' leigeil seachad nan seirbheisean aca eadar Inbhir Nis agus Lunnainn an ath-bhliadhna, thuirt Mgr Brown gum faodhadh seo droch bhuaidh a thoirt air eaconamaidh na sgìre.

Tha Riaghaltas na h-Alba cuideachd ag iarraidh cumhachd bho Westminster airson a bhith a' stèidheachadh cìs luchd-siubhal nan seirbheisean adhair.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile