Port-adhair an Eilein Sgitheanaich fosgailte an ath-bhliadhna?

Drochaid an Eilein
Image caption Chaidh seirbheisean adhair a stad ann an 1988.

Dh'fhaodadh gur ann an ath-bhliadhna a thòisicheadh seirbheis adhair às ùr às an Eilean Sgitheanach, a rèir na bhuidhe-strì, FlySkye.

Bha Loganair a' ruith seirbheis bhon raon-laighe aig Aiseag, a tha leis a' Chomhairle, suas gu 1988.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd, buidheann na còmhdhail HITRANS, agus Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) air a bhith a' coimhead ri seirbheis a thòiseachadh a-rithist.

Tha an luchd-iomairt ag ràdh gun toireadh e togail mòr dha-rìribh air eaconamaidh an eilein agus sgìrean de Thìr Mòr a tha faisg air làimh.

"Tha mi a' smaoineachadh airson turasachd, airson gnothachais, airson chur-seachadan, airson muinntir an eilein, gum feum sinn ceangal ri meadhan na h-Alba, 's nas fhaide," thuirt am fear-gnothachais, Ian Blackford.

"'S e rud doirbh dha-rìribh a tha sin san là a th' ann ma tha thu a' fuireach san Eilean Sgitheanach. Tha e a' toirt còrr is còig uairean de thìde dràibheadh a Ghlaschu, mar eisimpleir," thuirt e.

Thomhais sgrùdadh a chaidh fhoillseachadh sa Mhàrt am bliadhna gun cosgadh a bhith a' stèidheachadh na seirbheis às ùr, airgead-calpa de eadar £9.7m agus £15.3m.

Ach chan fheumte ach eadar £2.3m agus £2.8m a chosg air a bhith a' leudachadh an raon-laighe fhèin, air leathad agus air faid, gus an tigeadh e a rèir ìrean Ùghdarras na h-Itealanachd Catharra (CAA).

Dh'fheumte cuideachd aonta a ruighinn le Roinn na Còmhdhail a thaobh feansadh tèarainnteachd, le companaidhean adhair a thaobh hangaran, agus an luchd-smàlaidh a thaobh nan goireasan a bhiodh a dhìth gus cosgaisean a chumail sìos.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile