Dragh mu sgoil-àraich an Aodainn Bhàin

Sgoil-àraich Image copyright VT Freexe Frame
Image caption Chan eil e soilleir am fosgladh an sgoil-àraich nan deadh a dùnadh.

Tha strì anns an Aodann Bhàn san Eilean Sgitheanach airson sgoil-àraich a' bhaile a ghlèidheadh.

Chaidh a dùnadh rè ùine am bliadhna agus tha dithis bheaga clàraichte son na h-ath-bhliadhna-sgoile, ged nach eil fhios fhathast aig am pàrantan am bi an goireas fosgailte dhaibh.

Agus tha dragh orra gu bheil ceist ann mu bhun-sgoil na sgìre nan cailleadh iad an sgoil-àraich.

"'S e glè bheag a chuala sin thuige seo leis an fhìrinn innse," thuirt màthair tè den dithis phàiste, Emma Shanks.

250 Mìle

"Fhuair sinn litrichean a' dearbhadh gun d'fhuair iadsan litrichean bhuainne, ach sin e.

"'S e na roghainnean a chuir iad mu ar coinneimh, a bhith a' siubhail dhan Chnoc Bhreac, no a-steach a Phort Rìgh.

"'S e an Cnoc Breac an roghainn as fhaisge oirnn, ach leis an rathad bheireadh e dhuinn mu 20 mionaid faighinn ann.

"Chan eil càil ri dhèanamh ann am Bhàtarnais, 's mar sin dh'fheumadh sinn falbh ann, ar clann a leigeil, 's tilleadh gan toirt dhachaigh. Sin ceithir tursan san là, còig là san t-seachdain.

"Dh'obraich sinn a-mach gum biodh 250 mìle san t-seachdain an sin, agus an ùine cuideachd - agus bidh bèibidh agam a dh'fheumadh tighinn leam, 's chan eil sin practaigeach idir," thuirt i.

Tha comhairle coimhearsnachd Sgèaboist a' cur an làn-taic ri iomairt nam pàrantan.

Tha a' bhuidheann a' sireadh coinneimh le oifigearan foghlaim Comhairle na Gàidhealtachd.

"Thuirt iad rinn gur ann car ùine a bha iad a' dol ga dùnadh, ach nuair a thigeadh leanabain eile air adhart gum fosgladh iad a-rithist i," thuirt Cathraiche na comhairle coimhearsnachd, Màiri Anna Nic Phàrlainn.

"Tha sinn a' tuigsinn gun do dh'fhosgail iad a' bhun-sgoil ann am Bhàtarnais airson aon leanaibh, agus chan eil sinn a' tuigsinn carson a tha iad a' dèiligeadh gu h-eadar-dhealaichte ris an Aodann Bhàn," thuirt i.

Tha dragh anns a' choimhearsnachd, mur a tèid an sgoil-àraich fhosgladh a-rithist, gun cuir sin sgoil na sgìre ann an cunnart.

"Nuair a dh'fhalbhas an sgoil tha sin a' dèanamh call mòr anns a' choimhearsnachd," thuirt a' Bh.Ph. Nic Phàrlainn.

"Tha sgoil bheag shnog aca san Aodann Bhàn, 's tha a h-uile càil a' dol glè mhath ann, agus bhiodh sinne glè dhuilich nan dùineadh iad an sgoil.

"Tha sinn a' faireachadh gum faod seo a bhith na chiad cheum gu sin, ma dhùineas iad 's mur a fosgail iad a-rithist an sgoil-àraich mar a gheall iad," thuirt i.

Tha còrr agus 130 duine air an ainm a chur ri ath-chuinge airson an sgoil-àraich a ghlèidheadh, agus an luchd-iomairt a' cur air adhart na h-argamaid gu bheil an t-Aodann Bàn air a chomharrachadh ann am plana ionadail na Comhairle fhèin mar sgìre leasachaidh.

Tha iad draghail, às aonais na sgoile-àraich, nach biodh an t-àite tarraingeach do theaghlaichean òga gu h-àraid.

Cha toireadh Comhairle na Gàidhealtachd beachd sam bith seachad aig an ìre seo, gu às dèidh coinneimh air an ath-sheachdain.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile