Co-chomhairleachadh Ratharsair a' tighinn gu ceann

'S e an-diugh (Dihaoine) an là mu dheireadh de cho-chomhairleachadh air na bu chòir tachairt le còiraichean seilge agus iasgaich Ratharsair.

Chaidh muintir an eilein air an casan nuair a thug Riaghaltas na h-Alba na còirichean gu companaidh à Siorrachd Àir.

B'ann le Comann Chroitearan Ratharsair a bha na còirichean roimhe, ged is ann leis an Riaghaltas a tha an t-eilean.

'S e na molaidhean cùmhnant a thoirt do bhuidhinn ionadal air aonta fada; na còirichean a reic air a' mhargaidh fhosgailte; neo gun ceanaich a' choimhearsnachd an t-eilean dhaibh fhein.