Co-labhairt air Ath-leasachadh Fearainn

Fearann
Image caption Chaidh poileasaidhean ath-leasachaidh fearainn an Riaghaltais a chàineadh an t-seachdain seo.

Bheir am Prìomh Mhinistear Ailig Salmond òraid seachad aig co-labhairt bhliadhnail na buidhne Fearann Coimhearsnachd na h-Alba san Eilean Sgitheanach, a tha a' dol air adhart Dihaoine 's Disathairne.

Tha a' cho-labhairt ann aig àm nuair a tha cuid air ceistean a thogail mu phoileasaidhean an Riaghaltais air ath-leasachadh an fhearainn.

Tha a' cho-labhairt a' gabhail àite aig Sabhal Mòr Ostaig.

Thuirt t-Àrd-Oll. Seumas Mac an t-Sealgair, a bha air Buidheann Sgrùdaidh Ath-leasachaidh an Fhearainn aig an Riaghaltas, nach eil iad air dad a dhèanamh a thaobh siostam sealbh fearainn "neo-dheamocratach" na h-Alba atharrachadh.

Rinn na Làbaraich càineadh mu dhith adhartais sa ghnothach aig deasbad sa Phàrlamaid Diciadain.

Gan dìon fhèin, thuirt an Riaghaltas gun do chruthaich iad stòras ùr airson coimhearsnachdan a chuideachadh am fearann a cheannach, agus gu bheil 25 sgìrean air an cuid fearainn a cheannach bho 2007.

Thuirt Cathraiche Fearann Coimhearsnachd na h-Alba, Dàibhidh Camshron, gu bheil iad an dòchas gealltanas fhaighinn bhon Phrìomh Mhinistear mu chrathadh air Buidheann Sgrùdaidh Ath-leasachaidh an Fhearainn, agus gun tig beachdan radaigeach bhuapa air a' cheann thall.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile