Fuasgladh do na pàipearan sna h-Eileanan Siar?

Tha beachd air nochdadh airson fuasgladh a thoirt air suidheachadh nam pàiperean naidheachd sna h-Eileanan an Iar.

Tha Àrd-Stiuiriche Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn, Martin Dorchester, ag ràdh gun coimhead a' chompanaidh air moladh gus an clàr-ama atharrachadh gus am faigh na pàipearean-naidheachd thar na Maoile air a' bhàta-bathair gu Steòrnabhagh ann an àm.

'S dòcha nach tachair sin gu as t-Fhoghar ge-tà, nuair a thèid bàta ùr an àite na Mùirneig.

Tha e a' crochadh cuideachd air aonta ghnìomhachasan eile a tha a' cur stuth air a bhàta-aiseig.

Ged a ruigeadh na pàipearan-naidheachd na bùithdean sna h-Eileanan sa mhadainn, seach tràth-diathaid mar a th' ann an-dràsta, 's dòcha gum biodh dàil air rudan eile ri linn an atharrachaidh air a' chlàr-ama.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile