Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 An t-Ogmhìos 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Blàthachadh na Cruinne

Cha tàinig Alba, airson na dàrna bliadhna ann an sreath, air an amas mu choinneimh blàthachadh na Cruinne. Tha na figearan airson 2011 ag ràdh gun robh Alba beagan os cionn na h-ìre airson ghasaichean truaillte, ach tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil iad a dh'aindeoin sin air chùrsa airson gearradh de 42% ro 2020. Tha luchd-iomairt na h-àrainneachd ag ràdh gur e briseadh-dùil a th' anns na h-àireamhan sin.

Na Tòraidhean

Chuir Ruth Davidson, ceannard nan Tòraidhean an Alba dìon air a co-dhùnadh nach bi co-labhairt a' phàrtaidh, a tha a' tòiseachadh ann an Sruighlea an-diugh, a' dèanamh deasbad air tuilleadh chumhachdan airson cìsean a thogail do Phàrlamaid na h-Alba. Tha Ms Davidson air coimisean a stèidheachadh air a' chùis, agus thuirt i nach bu chòir deasbad a bhith ann gus an tèid crìoch air an ath-sgrùdadh a tha sin.

Dh'innis Dàibhish Camshron dhan cho-labhairt ann an Sruighlea an-diugh gu bheil e cudromach gum fuirich Alba an taobh a-staigh na Rìoghachd Aonaichte. Thuirt Mgr Camshron gu bheil Breatannaich pròiseil à aithne nàiseanta nan diofar dhùthchannan a tha san Aonadh, ach gu bheil iad uile nas fheàrr còmhla.

Diùc Dhùn Èideann

Tha dùil gum bi Diùc Dhùn Èideann ann an ospadal prìobhaideach ann an Lunnainn airson cola-deug 's e a' dol fo lannsa airson trioblaid le a stamag. Chaidh am Prionnsa Philip, a bhios 92 Diluain, dhan ospadal an-raoir. Thuirt Lùchairt Bhuckingham gun deach a thuras dhan ospadal a chur air dòigh bho chionn ùine.

Bill Roache

Thuirt fear-lagha don actair Bill Roache bhon phrògram telebhisein Coronation Street gu bheil e a' coimhead air adhart ri cothrom a dhol mu choinneimh diùraidh agus dearbhadh nach eil e ciontach de chasaidean drabastachd. Chaidh Mgr Roache, a tha 81, a chur fo cheithir chasaidean mu ionnsaighean drabasta air ceathrar nighnean eadar 12 agus 16 bliadhna de dh'aois anns na '60an. Bha e mu choinneimh Cùirt nam Maighstirean-lagha ann am Preston an-diugh. Bha e fo chasaid mar thà gun do dh'èignich e nighean a bha 15 bliadhna de dh'aois anns na '60an.

Pàipearan-naidheachd

Dh'fhaodadh fuasgladh a bhith ann do shuidheachadh phàipearan-naidheachd nan Eilean Siar a tha a-niste greis mhath den fheasgar mus ruig iad mòran sgìrean o chaidh sguir an cur air an itealan. Thuirt Àrd-Stiùiriche Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn, Martin Dorchester, gum beachdaich Cal Mac air moladh airson clàr-ama a' bhàta-bhathair atharrachadh gus am faigh na pàipearan-naidheachd a dh'Ulapul ann an àm, ach 's dòcha nach tachair sin gu as t-Fhoghair, nuair a thèid bàta ùr an àite Mùirneag. Tha e a' crochadh cuideachd a rèir choltais air aonta ghnìomhachasan eile a tha a' cur stuth air a' bhàt-aiseig.