BBC Naidheachdan

RockNess 2013

Published
image copyrightGetty Images
image captionTha dùil gum bi suas ri 35,000 duine aig fèis na bliadhna seo.

Tha na mìltean dhaoine a' dèanamh air Dubhrais, air cladach Loch Nis, airson na fèise ciùil RockNess, a tha a' gabhail àite air an deireadh sheachdain.

Am measg na bhios a' nochdadh air an àrd-ùrlar, tha Basement Jaxx, Fat Boy Slim, Madness, Ellie Goulding, Example, Plan B, Ben Howard agus Bombay Bicycle Club.

Bidh cuideachd an còmhlan Gàidhealach NiteWorks a' nochdadh.

Thòisich RockNess ann an 2006, 's tha an fhèis air èirigh gu bhith air tè de na prìomh dhèataichean ann an saoghal nam fèisean ciùil.

Tha dùil gum bi suas ri 35,000 duine aig fèis na bliadhna seo.

Tòisichidh an fhèis oidhche Haoine, 's bidh i a' ruith gu Didòmhnaich.