Cead ga dhiùltadh do thuath-gaoithe
- Published
Dhiùlt Ministear a' Chumhachd, Fearghas Ewing, cead-dealbhachaidh do thuath-gaoithe ann an Gallaibh.
Bha 17 crainn gu bhith san tuathanas aig a' chompanaidh Falck Renewables, faisg air Dùn Beithe ann an ceann a deas Ghallaibh.
Bha iad an toiseach airson 23 chur an-àirde.
Bhòt Comhairle na Gàidhealtachd gun cur an aghaidh nam planaichean ann an 2010.
Ach 's ann le ministearan an Riaghaltais Albannaich a bha an co-dhùnadh deireannach.
B'e an co-dhùnadh sin, gun toireadh an tuath-gaoithe cus buaidh air caractar cruth na tìre, agus dh'fhaoidte, air "talamh nàdarra."
Thuirt Mgr Ewing cuideachd gun robh buaidh thuathan-gaoithe eile a bha san sgìre mar thà, air an gabhail còmhla ris an tuath-gaoithe ùr seo, ro mhòr.
"Tha cothroman mòra dha-rìribh ann an Alba airson cumhachd ath-nuadhachail, agus tha sin a' cruthachadh obraichean agus in-ionmhas air feadh na dùthcha," thuirt Mgr Ewing.
"Tha mi gu mòr airson gum buainich coimhearsnachdan air feadh na h-Alba bho chumhachd ath-nuadhachail - ach chan ann gun dragh mu na tha e a' cosg," thuirt e.