Cha toir an Riaghaltas air uachdarain fearann a reic

Fearann coimhearsnachd
Image caption Chualas gu bheil bacadh air suas ri 90% de choimhearsnachdan a dh'iarradh am fearann a cheannach.

Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, nach bi e idir a' stèidheachadh lagh a bheireadh air uachdarain am fearann a reic an aghaidh an toil.

'S e a gheall Mgr Salmond, aig co-labhairt bhliadhnail Fearann Coimhearsnachd na h-Alba aig Sabhal Mòr Ostaig air an deireadh sheachdain, gum bi millean acair de dh'fhearann na h-Alba an sealbh an t-sluaigh ro 2020.

Bha e airson dearbhadh gun robh an riaghaltas Nàiseantach aige air cùl luchd ath-leasachadh an fhearainn, às dèidh mar a chaidh an Riaghaltas a chàineadh an t-seachdain seo chaidh.

Thuirt e cuideachd gum biodh an lagh ga dhèanamh nas simplidhe, agus gheall e tuilleadh airgid airson sin a thoirt gu buil.

Toil Poileataiceach

Tha beagan gann air 19,500,000 acair fearainn ann an Alba.

Tha dragh air luchd-iomairt nach eil an toil poileataigeach ann an Alba airson ath-leasachadh an fhearainn a thoirt air adhart.

"Feumaidh tu reachdas, le toil phoileataigeach air a chùlaibh," thuirt Cathraiche Fearann Coimhearsnachd na h-Alba, Dàibhidh Camshron.

"Ma tha an toil phoileataiceach ann, bu chòir gun tachair e.

"A rèiste, tha sinn a' guidhe gum bi an toil phoileataiceach ann airson toirt air ath-leasachadh an fhearainn ann an Alba obrachadh air feadh na dùthcha.

"Chan ann air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan a-mhàin, ach air feadh na h-Alba - bailtean agus tuath," thuirt e.

Tha Mgr Camshron gu mòr airson 's gum bi còir aig coimhearsnachdan fearann a cheannach an aghaidh toil an uachdarain.

"Ann an cuid de shuidheachaidhean, le barantasan iomchaidh ann an àite, gun teagamh. Chan eil ceist air sin," thuirt e.

"Tha suidheachaidhean ann far a bheil - 's dòcha gu bheil coltas cruaidh air seo - ach far a bheil an fheadhainn a tha an urra ri sgìrean sònraichte, air na sgìrean a cheannach air na h-adhbharan ceàrr.

Cùirtean Eòrpach

"Cheannaich iad am fearann mar in-ionmhas. 'S iad companaidhean bho thall-thairis a th' annta ann an cuid de shuidheachaidhean.

"Ach tha faireachdainn an nach eil dragh aca mu na thachras air an fhearainn a tha leotha.

"Nis, bu chòir dleastanas a bhith orra dha na daoine, agus don fhearann sin fhèin," thuirt e.

Thuirt Mgr Salmond nach biodh leithid de chòir sin glic idir ge-tà, 's gum fàgadh e Alba ann an cùirtean na h-Eòrpa fad iomadh bliadhna.

"Nam feuchadh sinne ri fearann a cheannach gun roghainn a bhith aig an fheadhainn leis a bheil e, bhiodh sinn sna cùirtean Eòrpach fad ghinealaichean. Tha sin gu math soilleir," thuirt e.

"Air an làimh eile, tha fhios againn, tro shiostam a' Chòir Cheannaich a th' againn an-dràsta fhèin, gu bheil iomadh coimhearsnachd a dh'iarradh sin a dhèanamh, ach gu bheil cho toinnte 's gu bheil an reachdas a' cur bacadh orra.

"Tha fhios, mar sin, gur e an rud glic a dhèanamh, na cnapan-starra sin a thoirt air falbh, an t-ionmhas a chur air adhart, agus a bhith a' toirt na h-uidheamachd do na coimhearsnachdan, gus an dèan iadsan an obair. 'S e sin a tha fa-near dhuinn," thuirt e.

Buidheann-Rèiteachaidh

Ged a bha sin na bhriseadh dùil do chuid, gheall am Prìomh Mhinistear gun deadh laghan ùra a chur an gnìomh anns a' Phàrlamaid seo.

"'S e targaid gu math dòchasach a th' ann am millean acair, ach targaid a ghabhas coileanadh," thuirt Mgr Salmond.

"Gabhaidh e coileanadh leis an fhianais a th' ann air cho math 's a tha coimhearsnachdan air an ath-bheothachadh nuair a tha sealbh aca air an fhearann.

"Tha mise airson fuireach ann an dùthaich far a bheil millean acair fearainn ann an làmhan choimhearsnachdan. Sin an seòrsa dùthaich as fheàrr," thuirt e.

Chuala a' cho-labhairt gu bheil bacadh air suas ri 90% de na coimhearsnachdan aig a bheil ùidh ann a bhith a' ceannach an cuid fearainn ri linn cho toinnte 's a tha am pròiseas.

Am measg nan leasachaidhean a tha gam moladh airson cuideachadh le sin, tha gun tèid buidheann-rèiteachaidh a chur air chois a stiùireadh choimhearsnachdan agus uachdarain.

"Far a bheil oighreachd nach eil airson an gnothach a reic, feumaidh rudeigin a bhith ann a bheir orra tighinn chun a' bhùird," thuirt Aonghas Mac Ille Mhaoil, bho Stòras Uibhist, a tha a' cur taic ris a' mholadh.

"Chan eil thu ag ràdh gum feum lagh a bhith agad a cuireas a-mach iad, ach gun toir iad chun a' bhùird iad airson coimhead dìreach dè ghabhas dèanamh? Dè mar a ghabhas e dèanamh?

"Agus ma ghabhas sin dèanamh agus an lagh air do chùlaibh airson sin a dhèanamh, thig e air adhart," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile