Crathadh air fàire do sgoiltean Ros an Ear

Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Tha a' Chomhairle a' coimhead ri crathadh a thoirt air sgoiltean ann an cuid de sgìrean.

Tha beachd a' phobaill ga shireadh air planaichean gus crathadh a thoirt air sgoiltean ann an Ros an Ear.

Am measg nam molaidhean aig Comhairle na Gàidhealtachd, tha plana gus na h-àrd-sgoiltean ann an Alanais is Inbhir Ghòrdain a dhùnadh, is sgòil ùr a chur nan àite.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gum feum iad siostam nan sgoiltean atharrachadh, is gu bheil cus sgoiltean ann a tha beag is feumach air leasachadh.

Rinn iad co-chomhairleachadh mar thà air a' chùis anns a' Ghearasdan agus ann an Gallaibh.

Tha iad a' coimhead air mar as urrainn dhaibh sàbhalaidhean a dhèanamh le cuid de sgoiltean a chur còmhla.

Tha ceist ann cuideachd am bu chòir na h-àrd sgoiltean ann an Alanais is Inbhir Ghòrdain a leasachadh far a bheil iad, no an cur còmhla mar aon sgoil.

Bhiodh amar-snàimh is goireasan coimhearsnachd eile anns an sgoil ùir, ach chan eil a' Chomhairle ag ràdh c'àite am biodh i stèidhichte.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile