Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00

10 An t-Ogmhìos 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bàs an Uibhist

Tha poilis ag iarraidh fiosrachaidh mu bhàs duine òg ann an Uibhist a Tuath nuair a chaidh a leagail le càr. Bha Ivan Dòmhnallach trì bliadhna deug thar fhichead de dh'aois. Bhoineadh e dhan Bhaile Shear. Bhual càr ann air an rathad eadar an Clachan agus Càirinis ann an uairean tràth na maidne an-dè. Bha an rathad dùinte còrr is dusan uair a thìde fhad 's a bha poilis a' rannsachadh na thachair.

Ceannairc

Chaidh binn prìosan air sianar raidigeach Islamach a bha ag ullachadh son ionnsaigh le bomaichean air caismeachd a bha Liog Dìon Shasainn a' cumail ann an Dewsbury air taobh siar Yorkshire san Ogmhìos an-uiridh. Tha a' bhinn as fhaide aig ochd bliadhna deug agus a' bhinn as giorra aig naoi mìosan. Chuala cùirt an Old Bailey an Lunnainn gun do dh'fhailich an oidhirp leis gun d'thàinig a' chaismeachd gu crìch gu math nas tràithe na bha dùil aca.

Prògram brathaidh

Thuirt eòlaiche-coimpiutair, a bha ag obair dhan CIA gur esan a thug fiosrachadh do phàipear-naidheachd mun phrògram bhrathaidh Aimeiricanach, Prism. Dh'innis Eideard Snowden dhan phaipear-naidheachd, an Guardian, nach b'urrainn dha leigeal le riaghaltas nan Stàitean Aonaichte a bhith a' sgrios chòirichean bunaiteach. Bheir Rùnaire nan Dùthchannan Cèin, Uilleam Hague, aithris do Thaigh nan Comantan feasgar mu chasaidean gu robh buidheann bhrathaidh Bhreatainn, GCHQ, a' cleachdadh fiosrachaidh às na Stàitean Aonaichte airon a bhith ri faire air daoine ann am Breatainn.

Tim Yeo

Bhruidhinn am ball pàrlamaid Toraidh, Tim Yeo, gu poblach son a' chiad thuras mu chasaidean gu robh e deònach a dhreuchd a chleachdadh son companaidh phrìobhaideach a chuideachadh gu buaidh a thoirt air comataidh pàrlamaid. 'S e Mgr Yeo cathraiche Comataidh Cumhachd 's Àrainneachd Thaigh nan Comantan agus chlàr an an Sunday Times e gun fhiosda dha, ag innnse gun tuig e stiùireadh do dhuine a bha a' toirt fianais dhan chomataidh. Tha Mgr Yeo a' dol às àicheadh.

Nelson Mandela

Chuir an riaghaltas ann an Afraga a Deas fiosrachadh a-mach mu shlàinte Nelson Mandela. Thuirt iad gu bheil a shuidheachadh ìosal ach gun atharrachadh. Tha Mgr Mandela, a tha 94, san ospadal ann an Johannesburg agus e a' fulang a-rithist le tinneas sgamhain.

Còirichean fearainn

Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, nach stèidhich e lagh a bheireadh air uachdarain am fearann a-reic an aghaidh an toil. Gheall Mgr Salmond, aig co-labhairt bhliadhnail Fearann Coimhearsnachd na h-Alba aig Sabhal Mòr Ostaig air an deireadh sheachdainn gum bidh millean acair de dh'fhearann na h-Alba an sealbh an t-sluaigh ron a bhliadhna 2020, le lagh nas sìmplidh cuideachd agus tuilleadh airgid airson sin a thoirt gu buil.

Seirbheis aiseig

Thuirt feadhainn a tha a strì son seirbheis-aiseig as ùr eadar Mallaig agus Loch Baghasdal, gu bheil air misneachd as ùr fhaighinn as dèidh gealltanas bho Ailig Salmond gun toir e fhèin sùil air an iarratas. As dèidh òraid aig co-labhairt Fearann Coimhearsnachd na h-Alba, bha coinneamh phrìobhaideach aig Mgr Salmond agus Cathraiche Stòras Uibhist, Aonghas Mac'IlleMhaoil.