Maorach Tràigh Mhòir Bharraigh "cunnartach"

  • Air fhoillseachadh
An Tràigh MhòrTùs an deilbh, Undiscovered Scotland
Fo-thiotal an deilbh,
A thuilleadh air a bhith na phort-adhair, tha an Tràigh Mhòr aithnichte airson mhaoraich.

Fhuair sgrùdadh a rinn Buidheann Inbhe a' Bhìdh (FSA) gu bheil an ìre de liananaich àrd aig an Traigh Mhòir ann am Barraigh agus gu bheil e cunnartach am maorach an sin ithe.

Tha Comhairle nan Eilean Siar air iarraidh air daoine gun a bhith a' buain mhaoraich gus am bi liananaich aig ìre shàbhailte.

Tha an Tràigh Mhòr aithnichte gu seachd àraid airson srùpain, ach tha an rannsachadh cuideachd a' bualadh air muasgain agus feusgain.

Tha sanasan le rabhaidhean orra a' comharrachadh na sgìre far a bheil maorach cunnartach.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh