Ministear eile an dùil fàgail
- Air fhoillseachadh

Chuir ministear eile aig Eaglais na h-Alba fios chun na h-eaglaise gu bheil e an dùil fàgail air sgàth cùis nam ministearan gèidh.
Thuirt an t-Urr. Anndra Downie, a tha na mhinistear am Beinn na Fadhla, gu bheil e mì-thoilichte le co-dhùnadh a thàinig bhon Àrd-Sheanadh a bhios a' ciallachadh - ma gheibh e cead ann an dà bhliadhna - gum faod seiseanan ministearan gèidh a ghairm.
Tha an t-Urr. Downie a' sùileachadh an eaglais fhàgail ro dheireadh an Lùnastail.
Na h-Eileanan
Dh'aontaich coithional Cheann an Loch ann an Leòdhas an eaglais fhàgail bho chionn ghoirid, agus thig dà choithional eile - an Steòrnabhagh agus air an Tairbeart anns na Hearadh - gu co-dhùnadh air an t-slighe air adhart dhaibhsan an t-seachdain seo tighinn.
Air Ghalltachd
Cuideachd, tha e air aithris gu bheil fear eile de na coithionalan mòra soisgeulach air Ghalltachd a' fàgail na h-Eaglaise air sgàth ceist nam ministearan gèidh.
'S e Hollyrood Abbey ann an Dùn Èideann fear de na coithionalan as motha a tha a' cur ri ionmhas na h-eaglaise.
Tha mar thà dhà de na coithionalan mòra ann an Glaschu 's an Obar Dheathain air falbh - an Tron agus Gilcomston South.