Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

11 An t-Ogmhìos 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ospadal An Ràthaig Mhòir

Thòisich rannsachadh 's e air tighinn am follais gun deach duine a bha fhathast beò a chur dhan mharbhlann aig Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis. Bha an duine air tuiteam à Drochaid Cheasaig Dihaoine seo chaidh, 's ged a rinn luchd-eiridinn cobhair air bha a h-uile coltas ann gun robh e marbh. Chaidh a thoirt dhan mharbhlann aig Ospadal an Ràthaig Mhòir, agus mhothaich luchd-obrach an sin gum faodadh gun robh e fhathast beò. Ged a chaidh cobhair a dhèanamh air, dh'fhailich orra le sin agus chaochaill e. Tha NHS na Gàidhealtachd agus Seirbheis Charbad-Eiridinn na h-Alba a' rannsachadh na cùise.

Ministearan Gèidh

Tha tuilleadh choithionalan agus ministearan a' fàgail Eaglais na h-Alba mu cheist nam ministearan gèidh. Tha, a rèir aithris, aon de na coithionalan mòra soisgeulach, Holyrood Abbey ann an Dùn Èideann, a' fàgail. 'S aig a' cheart àm dh'innis an t-Urr. Anndra Downie do choithional Bheinn nam Fadhla gu bheil esan an dùil an eaglais fhàgail. Coinnichidh Eaglais na h-Alba air an Tairbeart a dh'aithghearr, a dheasbad na slighe air adhart dhaibhsan.

Neo-eisimeileachd

Tha aithisg a rinneadh do Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gum bu chòir do dh'Alba neo-eisimeileach rianachd air peinseanan agus sochairean a roinn leis a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte. Tha e coltach gu bheil Riaghaltas na h-Alba, a dh'iarr an aithisg, deònach gabhail ris a' bheachd sin.

An Tuirc

Chuir ceudan de phoilis anns na Tuirc ruaig air sluagh a bha a' togail fianais an aghaidh an Riaghaltais ann an Istanbul bho chionn cola-deug. Chuir na Poilis deur-ghas agus canan-uisge gu feum. Bha an àimhreit ann beagan uairean de thìde an dèidh do Phrìomhaire na Tuirce coinneamh iarraidh le ceannardan nan iomairtean na aghaidh.

AG Barr agus Britvic

Thug Coimisean na Farpais cead an-diugh do na companaidhean a tha a' dèanamh Irn bru agus Tango iad a dhol còmhla. Thuirt an Coimisean nach eil fianais sam bith ann gum fulaing feadhainn a tha a' ceannach. Ma thèid AG Barr agus Britvic còmhla 's iad companaidh cho mòr 's a bhios anns a' ghnìomhachas sin.

Seirbheisean Adhair

Tha dòchas as ùr ann gun tòisich seirbheisean adhair còig là san t-seachdain a-rithist eadar Beinn nam Fadhla 's Steòrnabhagh. Thèid Comhairle nan Eilean Siar agus Buidheann Ghnothachais Innse Gall còmhla gus an cruinnich iad fiosrachadh mun iarrtas a th' ann. Chaidh an t-seirbheis a ghearradh gu trì là na bu tràithe am bliadhna, mar phàirt de ghearraidhean na Comhairle.