Taic airson cùirtean a dhùnadh

Chuir buill air Comataidh a' Cheartais aig Pàrlamaid na h-Alba an taic ri planaichean airson cùirtean a dhùnadh, còig bhòtaichean gu ceithir.

Thug a' Chomataidh dà uair de thìde gu leth a' deasbad nam planaichean aig Seirbheis Chùirtean na h-Alba airson deich cùirtean siorraim agus seachd cùirtean maoir-cheartais a dhùnadh

Bha Làbaraich, Lib-Deamaich agus Tòraidhean an aghaidh nam planaichean, ach fhuair an SNP agus neo-eisimeilich làmh an uachdair.

An t-Samhain

Tòisichidh na dùnaidhean anns an t-Samhain.

Tha na cùirtean siorraim a leanas a' dol a dhùnadh: Dòrnach, Duns, Cill Chuithbeirt, Cùbar, Inbhir Pheofharain, Obar Bhrothaig, Haddington agus Stonehaven.

Thèid obair nan cùirtean sin a ghluasad gu àiteachan eile.

Dùnaidh cùirtean maoir-cheartais ann an Anainn, Irbhinn, Tobar na Màthar, Comar nan Allt, Port Rìgh, Steòrnabhagh is Inbhir Ùige.