Duais do Sgoil Bhàgh a' Chaisteil

Nurs Image copyright Getty Images
Image caption Thug an cùrsa cothrom do sgoilearan obair slàinte ionnsachadh.

Shoirbhich le Sgoil Bhàgh a' Chaisteil ann am Barraigh aig Duaisean Foghlaim na h-Alba.

Choisinn iad duais Diluain airson cùrsa a tha a' cuideachadh òigridh le sgilean slàinte sa choimhearsnachd.

Chaidh an cùrsa, air a bheil Sgoilearachd Ro-nursaidh, a dhealbh le taic bho Oilthigh Shruighlea, am measg eile.

Bha triùir sgoilearan à Bàgh a' Chasiteil, agus seachdnar à Sgoil Lìonacleit ann an Uibhist, a thuilleadh air 12 sgoilear bhon Ghàidhealtachd a' gabhail pàirt anns a' chùrsa.

Raon na Slàinte

"Fhuair sinn an duais seo air t-sàilleabh gun robh sinn anns a' chiad phàirt de na sgoiltean a ghabh turas ri seo," thuirt Ceannard na sgoile, Annag NicIlleathain.

"'S e an seòrsa duais a bh' ann, bha i airson iomairt anns na h-àrd-sgoiltean. "Enterprise and Employability Across Learning Award."

"'S fhuair sinn seo air t-sàilleabh gun robh sinn ann am pròiseact pìleat, còmhla ri Comhairle nan Eilean Siar, Roinn na Gàidhealtachd, Oilthigh Shruighlea agus an NHS.

"Cuideachd, mar Sgoil Bhàgh a' Chaisteil, chlàr sinn airson an SQA airson 's gum faigheadh a' chlann a bha a' gabhail pàirt Intermediate 2 ann an Raon na Slàinte mar chomharra bhon SQA.

"Tha an cùrsa a' teagasg dhan òigridh ciamar a bhios iad ag obair anns na coimhearsnachdan a thaobh slàinte, co-dhiù ann an ospadail no a-muigh sa choimhearsnachd.

"Tha e a' toirt dhaibh blasad den obair a bhios roinn na slàinte a' dèanamh air feadh nan Eilean agus àiteachan a tha sgapte," thuirt i.

Adhartas Mòr

Tha dùil gun tèid an cùrsa a sgaoileadh gu sgoiltean eile am bliadhna, ach chan eil airgead ann airson a dhèanamh bliadhnaichean eile is coltach.

Chaidh Sgoil Bhàgh a' Chaisteil a chàineadh ann an droch aithisgean bho Luchd-Sgrùdaidh na Bàn-rìghinn o chionn beagan bhliadhnaichean.

Tha a' Bh.Ph. NicIlleathain ag ràdh gu bheil an duais seo na fianais air an adhartas a tha an sgoil air a dhèanamh.

"Tha an duais a tha seo a' sealltainn dhan a h-uile duine gun do rinn Sgoil Bhàgh a' Chaisteil adhartas mòr," thuirt i.

"Agus tha i a' sealltainn mar a rinn iad adhartas airson a bhith ag obair còmhla ri daoine eile.

"'S e duais a th' ann airson com-pàirteachais, agus tha e a' sealltainn, ma tha sinn ag iarraidh an rud as fheàrr airson ar cuid chloinne, ge b' e cà' bheil sinn, faodaidh sinn, agus gheibh sinn nas fheàrr dhaibh ma bhios sinn ag obair còmhla," thuirt i.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile