Deuchainnean broillich air ais

Tha seirbheis deuchainnean broillich a th' air a ruith le boireannaich a tha ag obair gu saor-thoileach air tòiseachadh a-rithist air Taobh Sear Rois.

Stad an t-seirbheis airson bliadhnaichean.

Bha cuid de eòlaichean an aghaidh Sgrùdair Broillich Bhaile Dhubhthaich nuair a thòisich e bho chionn faisg air 30 bliadhna.

Ach, tha sgrùdadh infrared air a mheas feumail an-diugh.

Thuirt Susannah Stone, a thòisich a' bhuidheann, gu bheil i air a dòigh gu bheil iad air tòiseachadh ag obair a-rithist.

Thàinig orra stad ri linn dìth airgid.

Thuirt Susannah Stone gu bheil an t-seirbheis a' toirt cothrom do bhoireannaich faighinn a-mach tràth a bheil aillse orra.