Mì-chùram san Aghaidh Mhòir

Chaidh càin is puingean peanais air fireannach, 92 bhliadhna de dh'aois, a chuir an càr aige tro uinneig bùtha anns an Aghaidh Mhòir.

Bha cead-dràibhidh gun smàl aig Dàibhidh Bacastair airson 65 bliadhna, ach dh'atharraich sin ri linn rud a thachair as t-Earrach am bliadhna.

Bha Mgr Bacastair, a bhean agus an nighean aca a' dol gu café anns an Audi A1 spòrs ùr aige air a' 15mh den Mhàrt nuair a chuir e a chas sìos air an accelerator an àite a' bhrèic taobh a-muigh bùth leabhraichean Waterstones air Rathad Roinn a' Mhonaidh.

Dh'fhalbh an càr le fruis tron uinneig is dhan bhùthaidh, is stad e aig taisbeanadh leabhraichean.

Mì-chùramach

Cha do nochd Mgr Bacastair, à Coit a' Ghartain, aig Cùirt a' Mhaoir-Cheartais an Inbhir Nis Diciadain, ach thuirt am fear-lagha aige gun robh e ciontach de bhith a' dràibheadh gu mì-chùramach.

Chaidh càin de £350 air agus chaidh sia puingean air a' chead-dràibhidh aige.

Cumaidh e a chead-dràibhidh ge-tà, is an dotair aige air co-dhùnadh gu bheil e fhathast comasach air dràibheadh.