Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 An t-Ogmhìos 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Cion-cosnaidh

Thuit àireamh a' chion-chosnaidh an Alba a-rithist agus na h-àireamhan oifigeil ag ràdh gun robh 6,000 nas lugha, sìos gu 194,000 gun obair eadar an Gearran agus an Giblean. Bha an àireamh air feadh Bhreatainn sìos cuideachd mu 5,000 gu beagan a bharrachd air 2,500, ged a bha an àireamh ann an Sasainn suas mu 6,000 mu choinneimh sin.

Companaidhean Cumhachd

Dh'fhoillsich riaghladair a' chumhachd, Ofgem, plana airson cur às dhan ghrèim a th' aig na sia companaidhean mòra air a' ghnìomhachas. 'S iad Centrica, Eon, SSE, NPower, EDF agus Scottish Power na sia buidhnean mòra. Tha Ofgem ag amas air prìsean dealain nas ìsle do luchd-cleachdaidh, agus siostam a bheir cothrom nas fheàrr dha na companaidhean beaga neo-eisimeileach.

Indonèisia

Chaidh fear à Breatainn a chur am bruid ann an Indonèisia. Thug fear-gunna an duine, a tha 62 's a tha ag obair ann an gnìomhachas na h-ola, am bruid ann an sgìre Aceh. Thuirt Ambasaid Bhreatainn ann an Jakarta gu bheil iad a' bruidhinn ri càirdean an duine ann an Indonèisia, ach gun do dh'fhailich orra fhathast bruidhinn ri a theaghlach ann am Breatainn.

Network Rail

Chaidh innse do Network Rail a tha a' ruith loidhne agus stèiseanan rèile mòra Bhreatainn, gum feum a' bhuidheann dèanamh gu math nas fheàrr na tha iad, agus leis nas lugha de dh'airgead. Thuirt Oifis Riaghlaidh na Rèile, gun do chomharraich iad còrr is £2bn de shàbhalaidhean ann am plana-leasachaidh Network Rail, agus chaidh innse dhaibh gum feum na seirbheisean trèana a bhith nas fheàrr air cumail ris an uair.

An Tuirc

Bha tuilleadh fòirneirt ann an Tuirc an-raoir, agus poilis an sin a' strì ri sluagh a tha a' togail fianais an aghaidh an Riaghaltais. Tha an àimhreit a thòisich bho chion cola-deug air sgapadh a-niste air feadh na dùthcha. Tha Prìomhaire na Tuirce ag ràdh nach gèill e, ged a bhitheas còmhraidhean aige an-diugh ri cuid de cheannardan na h-iomairt na aghaidh.

Griod an Dealain

Dh'iarr Comhairle nan Eilean Siar air an Riaghaltas griod an dealain anns na h-Eileanan a neartachadh gus an tèid aca air tuath-gaoithe a' Phentland ann an Leòdhas a chur an sàs. Bha an sgeama, anns a bheil sia crainn-ghaoithe, deiseil bho chionn dà mhìos, ach chan eil an griod mar a tha e làidir gu leòr.