Iarrtas a-staigh airson Càbal a' Chuain Sgìth

Càbal air grunnd na mara
Image caption Tha leasachadh a' chumhachd ath-nuadhachail sna h-Eileanan Siar a' crochadh air a' chàbal a bhith an àite.

Chuir luchd-leasachaidh fàilte air an naidheachd gu bheil SHE Transmission (SHET) air iarrtas a chuir gu Riaghladair a' Chumhachd, Ofgem, airson càbal dealain eadar Leòdhas agus Tìr Mòr.

Tha Urras Steòrnabhaigh agus AMEC am beachd tuath-gaoithe mòr a thogail an iar air Steòrnabhagh, leasachadh a tha a' crochadh air càbal ùr agus tha iadsan cuideachd ag iarraidh tuilleadh taic-airgid do luchd-leasachaidh dealain anns na h-Eileanan Siar.

"Tha sinn glè thoilichte cluinntinn gu bheil iad mu dheireadh thall deònach tagradh a chur a-steach airson cead," thuirt Siamarlan Urras Steòrnabhaigh, Iain MacÌomhair.

"Agus tha mi an dòchas gum bi iarrtas làidir gu leòr airson cothrom a thoirt dha Ofgem cead a thoirt dhaibh a dhol air adhart leis a' phròiseact," thuirt e.

Bacadh às dèidh bacaidh

Chan eil Mgr MacÌomhair den bheachd gur e seo gealltanas làidir gu leòr airson 's gun tèid an t-Urras air adhart leis a' phròiseact a th' aca aig an ìre seo.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil tòrr an urra ri dè tha a' dol a thighinn a-mach deireadh na mìos seo," thuirt e.

"Dè tha an Riaghaltas a' dol a chantainn a ghabhas cur air dòigh airson na h-eileanan a dhèanamh nas fhasa 's nas fheàrr na tha, agus gus am bi fios againn air sin tha e duilich a dhèanamh a-mach dè cho cosgail no dè cho prothaideil a bhitheas cruthachadh dealain anns na h-eileanan.

"Tha sinn air a bhith a' sabaid tro bhacadh an dèidh bacaidh bho thòisich seo an toiseach.

"Ach tha mi a' smaoineachadh gu bheil sinn aig ìre a-niste agus nach urrainn dhuinn mòran dàil eile fhulang, agus gum faic sinn na companaidhean a tha ann, agus na companaidhean aig a bheil cead-dealbhachaidh chan e a-mhàin a' faighinn am misneachd, ach a' faighinn an cothrom a dhol air adhart leis na pròiseactan aca.

"Mur a bi sinn glè fhaiceallach, cha bhi rùm ann dhuinn air a' Ghriod Nàiseanta agus mar as luaithe a gheibh sinn dhan Ghriod sin 's ann as fheàrr," thuirt e.

Chuir Comhairle nan Eilean Siar fàilte air an naidheachd cuideachd.

"'S e rud math a th' ann sa chiad àite, agus tha sinne air a bhith a' strì còmhla ri buidhnean eile, airson gun cuireadh SHET am plana-gnìomha a-seach gu Ofgem ron Iuchair mar a bhathas an dùil gun robh iad a' dol a dhèanamh an toiseach," thuirt Fear-Gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach.

"'S iad fhèin a rinn gu math soilleir dhuinn bho chionn grunn mhìosan nach robh iad a' smaoineachadh gun robh e gu bhith comasach dhaibh sin a dhèanamh.

"'S e naidheachd mhath dha-rìribh a th' ann gu bheil iad a-niste a' dol a dhèanamh sin, agus bhiodh sinn an dòchas gun tigeadh ceann-ùidhe a thaobh a' chàbail a dh'aithghearr aon uair 's gum beachdaich Ofgem air a' phlana-gnìomha a chaidh a chur thuca," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile