Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

17 An t-Ogmhìos 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

G8

Tha ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte air Beul Feairst a ruighinn is e gu bhith ann son coinneamh an G8. Tha e air a bhith a' bruidhinn ri buidhinn de dh'òigridh aig Talla an Waterfront, dìreach bho chionn ghoirid. Feasgar, bidh an ceann-suidhe, agus ceannardan eile de dhùthchanan an G8 a' coinneachadh. Tha dùil gum bi an deasbad mun dòigh as fheàrr crìoch a thoirt air a' chogadh ann an Siria aig mullach a' chlàr-gnothaich. Tha Rùnaire nan Dùthchanan Cèin ann am Breatainn, Uilleam Hague, ag ràdh nach do rinn iad co-dhùnadh fhathast an tèid armachd a thoirt do reubaltaich Shiria no nach tèid.

Eaglais na h-Alba

Chaidh buidheann de shoisgeulaich a chur an-sàs ann an Eaglais na h-Alba a tha ag amas air an eaglais ùrachadh is ath-nuadhachadh. Chaidh a chur air adhart aig coinneimh ann am Peairt Disathairne. Bha mu 350 duine an-lathair, is dragh orra mu sheasamh an Àrd Sheanaidh air ministearan gèidh. Chan eil a' bhuidheann airson an eaglais fhàgail ge-tà, 's iad ag amas air cùisean atharrachadh bhon taobh a-staigh.

Diùc Dhùn Èideann

Tha Diùc Dhùn Eideann air an ospadal ann an Lunnain fhàgail. Fhads a bha e ann, chaidh e fo obair-lannsa is dotairean a' rannsachadh timcheall air a' mhionach. Tha deich latha bhon a chaidh an Diùc dhan ospadal.

Bhòtadh

Tha aithisg bho chomataidh ann am Pàrlamaid na h-Alba ag iarraidh air Coimisean nan Taghaidhean beachdachadh air bhòtadh eadar-lìn agus bhòtadh fòn a chur an-sàs mar dhòigh air barrachd dhaoine a thàladh gu bhith a' bhòtadh. Bha Comataidh an Riaghaltais Ionadail a' coimhead air a' cheist, 's nas lugha na 40% de dhaoine air bhòtadh sna taghaidhean ionadail an-uiridh.

Bàs

Tha boireannach air bàsachadh as-dèidh dhi tuiteam aig cuirm-ciùil nan Stone Roses ann an Glaschu air an deireadh-sheachdain. Bha i 24 agus bha i am-measg 50,000 a bha an làthair aig Glasgow Green.