Kara Hanlon
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Soirbheachas snamhadair Leòdhasaich

17 An t-Ogmhìos 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Stèidhich Kara Hanlon an t-àm as fheàrr aice riamh is i a' ruighinn cuairt dheireannach na rèis 100 meatair breaststroke aig farpais snàimh fhosgailte na h-Alba.

'S i an aon fharpaiseach òg (16 neo nas òige) a fhuair troimhe chun na cuairt deireannaich - chrìochnaich i san t-seachdamh àite san rèis sin a' buannachadh tiotal nan 'Juniors' is i ga dheanamh.

Ràinig i cuideachd a' chuairt dheireannach san rèis breatstroke thairis 50 meatair - thàinig i sa chòigeamh àite san rèis a' buannachadh na duais 'Junior' a-rithist.

Chaidh i cho luath sa chaidh i riamh sa chuairt dheireannaich dhan rèis 50 meatair - a' crìochnachadh ann an 33.14 diog.

Tha i a-nis san Spàinn a' trèanadh air thoiseach air geamaichean eileanach na Cruinne a' tha gabhail àite ann am Bermuda an ath-mhìos.