Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

18 An t-Ogmhìos 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Afganastan

Ghabh feachdan an Riaghaltais ann an Afganastan smachd gu foirmeil air an dùthaich an-diugh. Bidh feachdan NATO a' fuireach ann a' toirt taic agus trèanadh seachad gus an tarraing iad às uile gu lèir aig deireadh na h-ath-bhliadhna. Tha dusan bliadhna ann bho chaidh feachdan NATO gu ruige Afganastan a dh'fheuchainn ri chur às dhan Taliban.

Gearraidhean san Arm

Chaidh innse do 4,500 saighdear Breatannach gu bheil iad a' call an cosnadh ann an cuairt eile de ghearraidhean san arm. Seo an treas cuairt de ghearradh cosnaidh, agus an gearradh as motha fhathast. Thuirt Ministreachd an Dìon nach toir seo buaidh sam bith air obair an airm.

Seachnadh Chìsean

Thuirt an Seansalair, Seòras Osborne, gu bheil Breatainn an dòchas adhartas a dhèanamh aig coinneamh an G8 ann an Èirinn a Tuath gu riaghailtean eadar-nàiseanta nas cruaidhe air feadhainn a tha a' seachnadh chìsean. Tha Mgr Osborne ag innse do cheannardan eile mun oidhirp air smachd a chur air buidhnean mòra corporra agus companaidhean eadar-nàiseanta a tha a' seachnadh chìsean.

An Atmhorachd

Dh'èirich an Atmhorachd gu 2.7% anns a' Chèitean bho 2.4% anns a' Ghiblean a rèir a' Chlàr-Cheannaich (CPI). 'S e cosgaisean siubhail as motha a thug buaidh air sin, gu h-àraid faraidhean air siubhail anns an adhair. Tha an àireamh nas àirde na bha dùil, agus os cionn a' 2% air a bheil Banca Shasainn ag amas.

Eucoir

Thàinig lùghdachadh air an àireamh de dh'eucoir an Alba. Tha na h-àireamhan as ùire bho Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gun robh 13 % nas lugha de dh'eucoir ann gu deireadh na bliadhna anns a' Mhàirt. Bha fòirneart anns nach robh drabastachd sìos 21%. Bha àrdachadh de 5% ge-tà, ann an eucoir dhrabasta, ach tha beachd ann gu bheil dòigh ùr air sin a chlàradh a' toirt buaidh air na h-àireamhan sin.

Tuath-gaoithe

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' beachdachadh an-diugh air plana airson tuath-gaoithe aig muir far chosta Ghallaibh. Bhiodh còrr is 250 crann san leasachadh, a tha san amharc aig dà chompanaidh dealain mhòr - SSE Renewables, agus Repsol Nuevas Energias.