Farpais thaghte mu dheireadh Dihaoine

Sgioba Leòdhais agus na Hearadh

Thèid Farpais Mheadhan an t-Samhraidh a chumail son an turas mu dheireadh Dihaoine.

Thig sgiobaidhean taghte Leòdhais agus na Hearadh, Uibhist is Bharraigh còmhla le sgiobaidhean Eileanaich Ghlaschu agus Ìlich Ghlaschu aig pàirce Exelsior san Àrd-Ruigh.

Tòisichidh an fharpais aig 3:30f is na sgiobaidhean taghte às na h-Eileanan a' dol an aghaidh a' cheile sa chiad iar-chuairt dheireannaich. Coinnichidh an da sgioba à Glaschu san iar-chuairt dheireannaich eile.

Thèid an uair sin a' chuairt dheireannach air adhart aig 5:35f.

Cha bhi farpais san aon dreach ann an ath-bhliadhna leis gun do tharraing sgioba an Eilein Sgitheanaich a-mach às an fharpais ron ghnothach am bliadhna, agus gun do dh'innis sgioba Leòdhais agus na Hearadh gur e seo a' bhliadhna mu dheireadh a bhios iadsan a' gabhail pàirt air sgàth adhbharan ionmhais.

Bidh iadsan a' farpais ann an Cupa Caledonian a Tuath - farpais Lìog na Gàidhealtachd - an àite a bhith a' cluich ann am Farpais Mheadhain an t-Samhraidh.

Buidheann Leòdhais agus na Hearadh: Seumas MacLeòid (Am Bac), Seumas MacIllinnein (United Steòrnabhaigh); Pàdraig MacCoinnich (Na Lochan), Calum Moody (Càrlabhagh), Alasdair MacGillÌosa (An Rubha), Stiùbhart Flower (An Rubha), Mìcheal Russel-Mac a' Ghobhainn (Nis), Cailean MacIllEathainn (Am Bac), Friseal MacLeòid (Càrlabhagh), Scott MacAmhlaigh (Càrlabhagh), Daniel MacLeòid (Athletic Steòrnabhagh), D. J. Clinton (Athletic Steòrnabhaigh), Rob Jones (Athletic Steòrnabhaigh), Dàbhaidh Mac a' Mhaoilein (Na Lochan), Dan Crossley (Càrlabhagh)

Buidheann Uibhist agus Bharraigh: Donnachadh MacAonaghais (Èirisgeidh),Harry Luney (Saints an Iochdair), Donaidh MacLeòid (Beinn nam Fadhla), Roddy Pòl Dòmhnallach (Southend), Andaidh MacCuaraidh (Uibhist a Tuath), Owen MacAonghais; Danaidh Steele (Southend), Aonghas Caimbeul, JA Mac a Phì, Ali Downie, Carl Mac a' Phì (Uile Saints), Seumas Caimbeul, Ali Dòmhnallach (Uile Èirisgeidh); Eachann Mac a' Phì (Beinn nam Fadhla), Anndra MacÌosaig (Southend) Seumas MacDhàibhidh (Barraigh) Eardsaidh Dòmhnallach (Saints an Iochdair)