Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

19 An t-Ogmhìos 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Iorac

Thàinig riaghladh bhon Phrìomh Chùirt gum faod teaghlaichean shaighdearan a chaidh a mharbhadh ann an Iorac oidhirp laghail a dhèanamh air airgead-dìolaidh fhaighinn bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, a' cleachdadh Achd Chòirichean a' Chinne-Daonna. Chaidh a' chùis a thogail às leth chàirdean triùir shaighdearan a chaill am beatha nuair a spreadh boma na carbadan Landrover Snatch anns an robh iad a' siubhail. Bha an Riaghaltas ag argamaid gu bheil blàr a' chogaidh os cionn an lagha.

Nigel Evans BP

Chaidh Leas-Labhraiche Thaigh nan Cumantan, Nigel Evans, a tha fo amharas mu èigneachadh, a chur an grèim a-rithist fo amharas mu thrì ionnsaighean drabasta eile. Thàinig na h-aithrisean as ùr am follais nuair a thadhail Mgr Evans, a tha 55 bliadhna de dh'aois, air stèisean nam Poileas ann am Preston mar phàirt den aonta fo an deach a leigeil ma sgaoil air urras.

Afganastan

Thuirt an Riaghaltas ann an Afganastan gu bheil iad a' stad an-dràsta de chòmhraidhean leis na Stàitean Aonaichte mu thèarainnteachd. Thuirt oifigeach bho Riaghaltas Afganastan gun do ghabh iad an co-dhùnadh an dèidh dha na Stàitean Aonaichte innse gu bheil iad a' tòiseachadh air còmhraidhean sìthe ris an Taliban. Tha na còmhraidhean sin ri tòiseachadh ann an Qatar a-màireach.

Bancaireachd

Chuir an Seansalair, Seòras Osborne, fàilte air aithisg air mar a bu chòir bancaireachd ann am Breatainn a sgioblachadh. Tha coimisean Pàrlamaid a' moladh àrd-bhancairean a tha neo-chùramach nan cuid obrach a chur dhan phrìosan. Tha Coimisean Inbhean na Bancaireachd ag ràdh cuideachd gum bu chòir casg airson deich bliadhna a chur air bònas àrd-oifigich bhanca. Thuirt Mgr Osborne gu bheil na molaidhean ciallach, agus gun cuidich iad an Riaghaltas le bhith a' stèidheachadh bhancaichean nas seasmhaiche.

Eaglais na h-Alba

Tha Àrd-Eaglais na h-Alba ann an Steòrnabhagh ag iarraidh Eaglais na h-Alba fhàgail. Bha 200 de bhuill na h-eaglaise aig coinneimh an-raoir, agus dh'aontaich iad uile gu bheil iad airson dealachadh, 's iad mì-thoilichte mun dòigh anns a bheil Eaglais na h-Alba a' làimhseachadh deasbad nam ministearan gèidh. Tha an aon seòrsa rud a' tachairt ann an eaglais an Tairbeirt anns na Hearadh. Bhòt a' mhòr-chuid a bh' aig coinneimh an sin an-raoir gu bheil iad airson beachdachadh air falbh.

Lèabalan Bìdh

Tha sgeama ùr a' tòiseachadh an-diugh air fiosrachadh nas soilleire do dhaoine air dè a th' anns a' bhiadh a tha iad a' ceannach. Bidh e nas fhasa a dhèanamh a-mach dè am biadh a tha falainn 's dè nach eil, agus dathan Dearg, Orainns, agus Uaine gu bhith air pacaidean agus na pasgain anns a bheil am biadh ga reic anns na bùthainnean. Tha mòran chompanaidhean ag ràdh gun cleachd iad an siostam ùr, ach tha companaidhean mòra eile nach do chuir an ainm ris an sgeama.

Ospadal Furness

Thuirt athair lenaibh a chaochail le galar a ghabhadh leigheas gu bheil e air uabhasachadh le aithisg mu fhàileachadh aig Coimisean a' Chùraim, a' bhuidheann a tha a' riaghladh ospadal ann an Sasainn. Thuirt an aithisg gun do dh'fhailich air a' Choimisean rannsachadh a dhèanamh air bàis naoidhein air an ùr-bhreith aig Ospadal Furness ann an Cumbria, agus gun do gheall iad do mhuinntir na sgìre ann an 2010 gun robh Urras Slàinte na sgìre comasach. Chaochail Joshua Titcombe aig naoi là de dh'aois, agus thuirt athair, Seumas Titcombe, an-diugh, gu bheil an aithisg a' dearbhadh na tha ceàrr air Seirbheis na Slàinte. Dh'aidich Coimisean a' Chùraim gu bheil iad air a bhith leibideach ron a seo, ach gu bheil ceannardan gu lèir ùr air a' bhuidhinn, agus gu bheil iad ag atharrachadh mar a tha iad a' sgrùdadh ospadal.