Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

20 An t-Ogmhìos 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Corp Chorstorphine

Chaidh fiosrachadh as ùr iarraidh anns a' mhadainn an-diugh air Crimewatch Roadshow a' BhBC mu bhoireannach a fhuaireas marbh ann an Dùn Èideann bho chionn cola-deug. Chaidh a corp fhàgail na bhloighean ann an sgìre Chorstorphine agus e a' faileachadh air na Poilis innse cò i. Tha na Poilis ag iarraidh fiosrachaidh mu chàr Renault Scenic, air a bheil dath buidhe-òir, a chaidh fhaicinn faisg air Cnoc Chorstorphine dà thuras anns a' Ghiblean.

Bancannan

Thuirt an Seansalair, Seòras Osborne, gu bheil an Riaghaltas ag ullachadh airson na h-earrainnean ann am Banca Lloyds a reic. Buinnidh còrr 's an treas cuid den bhanca sin dhan stàit. Thuirt e cuideachd gun seall iad ri dà bhanca a dhèanamh de RBS eadar an roinn a tha a' soirbheachadh, agus an t-earrainn dhona den bhanca a tha a' strì ri earrainnean agus droch fhiachan.

Pròiseactan Calpa

Tha Comhairle na Gàidhealtachd gu bhith ag innse an-diugh mun phlana a th' aca airson na milleanan not a chosg air pròiseactan calpa. Tha a' Chomhairle an dòchas gun toir na diofar leasachaidhean air an ath-dheich bliadhna brosnachadh air an eaconamaidh. Tha dà bhun-sgoil agus àrd-sgoil ùr ann an Inbhir Ùige, sgoil ùr airson gach aois ann am Baile Dhùthaich, agus leasachadh air Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis nam measg. Bidh airgead ann cuideachd airson bruaichean Abhainn Nis a dhìon bho thuiltean, leasachadh air seach-rathad an t-Sròim air taobh siar Rois, agus airgead airson crìoch a chur air seach-rathad Inbhir Nis.

Beàrn a' Bheartais

Tha Oxfam ann an Alba ag ràdh gu bheil na dachannan as beartaiche an Alba còrr is 250 turas nas fheàrr dheth na tha na dachannan as miosa. Tha an carthannas ag ràdh gu bheil siostam nan cìsean agus sochairean a' fàgail na beàrna eadar beartas agus bochdainn a' sìor fhàs.

GM

Chuir Rùnaire na h-Àrainneachd ann an Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, Owen Paterson, dìon air bàrr air a ghnè-atharrachadh. Thuirt e gu bheil bàrr GM a-niste stèidhichte gu h-àbhaisteach air feadh an t-Saoghail, agus gun tèid Breatainn agus an t-Aonadh Eòrpach fhàgail air dheireadh mur a tog iad an casg air. Tha luchd-glèidhteachais ag ràdh gu bheil tuathanas GM dona dhan àrainneachd, ach thuirt Mgr Paterson gu bheil a h-uile fianais ann gu bheil bàrr GM sàbhailte.