Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

21 An t-Ogmhìos 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Fiachan na Dùthcha

Tha figearan ùra a' sealltainn àrdachaidh air an t-suim airgid a ghabh Riaghtas na Rìoghachd Aonaichte air a' bhliadhna-ionmhais mu dheireadh. Tha pàrtaidhean eile ag ràdh gur e maslachadh a th' ann dhan t-Seansalair, Seòras Osborne, a thuirt gum biodh fiachan na dùthcha a' tighinn a-nuas.

Abu Qatada

Chuir a' Phàrlamaid ann an Westminster aonta ris a' chùnradh ri Iòrdan a tha a' fogladh slighe do Bhreatainn an clèireach radaigeach Abu Qatada a chur a-mach às an dùthaich seo. Ghabh Pàrlamaid agus Rìgh Iòrdan ris an aonta aig toiseach na seachdain seo. Thuirt Oifis na Dùthcha gu bheil iad airson Abu Qatada a chur air plèana a-mach à Breatainn air a' chiad chothrom.

Corroboration

Tha dùil an-diugh ri fiosrachadh bho Riaghaltas na h-Alba mu phlana airson cur às dhan mhodh laghail ris an canar Corroboration ann an cùisean-lagha. Sin far a bheil aon phìos fianais mu choinneimh cùirte a' faighinn taic bho fhianais eile. Mar eisimpleir bhon dàrna duine a chunnaic tachartas no dearbhadh foreansach gun do thachair an leithid. Tha làn-dùil gun cuir a' chiùird-lagha, britheamhan nam measg, an aghaidh nam molaidhean sin.

Braisil

Tha an Riaghaltas ann am Braisil air coinneamh èiginn a ghairm an dèidh dhan àimhreit air feadh na dùthcha leudachadh gu mòr an-raoir. Bha còrr is millean duine a' gabhail pàirt ann an caismeachdan air feadh Bhraisil, 's iad a' gearain air seirbheisean poblach, coirbteachd san Riaghaltas agus cosgais Chupa Ball-coise na Cruinne an ath-bhliadhna. Chaidh aon duine a mharbhadh, agus chuir poilis peilearan rubair agus deur-ghas an sàs airson ruaig a chur air an t-sluagh ann an Rio de Janiero, agus Brazilia.

Taobh Deathain

Chùm an SNP sgìr Donside Obar Dheathain ann am fo-thaghadh airson Pàrlamaid na h-Alba, ach bha 5,000 bhòt nas lugha aca na bha ann an 2011.

Stòras Uibhist

Chaidh ceithrear fhastadh an dèidh taghadh gu Sealladh na Beinne Mòire, a' bhuidheann a tha a' ruith Stòras Uibhist. 'S iad Stefan MacAmhlaigh agus Seonaidh Mac Ille Mhaoil, a bha nan stiùirichean ron a seo, agus dithis às ùr - Niall Caimbeul, agus Ceiteag Dhòmhnallach. 'S e seo a' chiad turas a bhios am bòrd-stiùiridh às aonais Aonghais Mhic Ille Mhaoil, a bha na Chathraiche bho thòisich Stòras Uibhist.

Seirbheisn Dhotair

Tha dotairean teaghlaich gam fastadh an-dràsta airson seirbheis ùr GP air taobh siar Loch Abair agus na h-Eileanan Beaga. 'S e sgeama pìleat a tha seo le dòchas air a' cheann thall gun dèan e leasachadh air trioblaid le cion dhotairean ann an sgìrean iomallach. Bidh ochdnar dhotairean san t-seirbheis ùir seo - ceathrar dhiubh stèidhichte ann am Malaig, agus ceathrar ann an Ath Tharacail.