Taic do sgeama hydro Ulapuil

  • Air fhoillseachadh
Allt a' MhuilinnTùs an deilbh, Sylvia Duckworth GEOGRAPH
Fo-thiotal an deilbh,
Rachadh Allt a' Mhuilinn a chleachdadh mar phàirt den sgeama.

Chuir muinntir Ulapuil taic làidir ri plana 'son sgeama hydro a bhiodh fo smachd na coimhearsnachd.

Chuir urras coimhearsnachd a' bhaile plana air adhart do Choimisean na Coilltearachd - leis a bheil am fearann - gu bheil iad airson feum a dhèanamh de dh'Allt a' Mhuilinn agus Allt a' Bhràighe faisg air Loch Bhraoin.

Bhiodh an leasachadh fhèin stèidhichte ann an Coille Lael.

Ann am bhòt san sgìre an t-seachdain seo chuir 96% taic ris na planaichean.

Chleachd 58% den t-sluagh am bhòt is bha sin fhèin glè chudromach, oir bha feum air 51% co-dhuibh gus am biodh a' bhot a' seasamh.

Thèid tagradh oifigeil a-nise air adhart gu Choimisean na Coilltearachd.

Thathas an dòchas £1m a chruthachadh dhan choimhearsnachd air a' cheann thall.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh